Mun Phròiseict

'S e farpais filmichean goirid MG ALBA a th' ann am FilmG a tha air a libhrigeadh le Cànan Graphics Studio, companaidh nam meadhanan-cruthachail san Eilean Sgitheanach. Chaidh FilmG a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ùr a leasachadh dhan t-sianal Ghàidhlig aig BBC ALBA a chaidh a stèidheachadh san aon bhliadhna. Thairis air an ùine seo tha an fharpais air còrr math is 700 film goirid a chruthachadh agus gu leòr de dh'oigridh a thàladh dhan ghniomhachas airson am bith-beò a dhèanamh ann an craoladh Gàidhlig.

Sgioba FilmG aig CGS:

Flòraidh Forrest – Manaidsear Phròiseact & Manaidsear Tachartas
Eilidh Rankin – Oifigear Pròiseact
Steve MacCoinnich - Dealbhadair

Ma tha ùidh agad sa phròiseict agus ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) no fòn gu 01471 888 505/508