Dlighe-sgrìobhaidh

Tha dlighe-sgrìobhaidh a’ cur dìon air seilbh inntinn dhaoine agus a’ leigeil leis an t-sealbhadair smachd a chumail air na beachdan agus an stuth aige fhèin. Le seo, nithear cinnteach nach tèid còraichean a bhristeadh.

Ma chuireas tu film gu FilmG, a’ cleachdadh stuth seilbh inntinn nach buin dhut fhèin, feumaidh tu cead bhon duine dom buin i. Nithean leithid ceòl, dealbhan, ìomhaighean, suaicheantasan bhathar agus seann chlàraidhean. Thoir fa-near gum bi cosgais gu tric an lùib cleachdadh nithean a bhuineas do dhaoine eile.

Feumaidh tu cead fhaighinn cuideachd bho dhaoine a tha a’ nochdadh anns an fhilm gu bheil iad deònach a bhith air am filmeadh. Tha còir agad iarraidh air duine sam bith a tha a’ nochdadh san fhilm agad ainm a chur ri foirm fuasglaidh (release form).

’S fhiach an obair agad fhèin a dhìon gu laghail. Mura dèan thu sgriobt dhen bheachd thùsail, chan eil e dìonta le dlighe-sgrìobhaidh.

Dlighe-sgrìobhaidh Ciùil

Seo agad fiosrachadh mu bhith a’ cleachdadh ceòl san fhilm agad:

  • Ma chuireas tu an ceòl agad fhèin ri chèile, gabhar a chleachdadh mar a thogras tu.
  • Ma tha an sgrìobhadair no neach-ciùil air a bhith marbh bho chionn còrr is 70 bliadhna, tha cead agad a chleachdadh. Tha gu leòr de cheòl clasaigeach a’ tighinn fon roinn seo. Thoir an aire ge-tà, gum faodadh dreachan ùra de sheann cheòl a bhith fo dhlighe-sgrìobhaidh ùr, mar sin dèan cinnteach às.
  • Ma tha thu ag iarraidh ceòl le duine eile a chleachdadh, feumaidh tu cead fhaighinn bhon t-sealbhadair. Uaireannan, chan e an sgrìobhadair no an neach-ciùil a th’ ann idir. Gu tric, ’s i a’ chompanaidh ciùil a th’ ann, mar sin, dèan cinnteach gu bheil thu a’ leigeil fios don duine cheart.
  • Faodaidh còraichean ciùil a bhith glè chosgail. Mar sin, thoir an aire do seo nuair a bhios tu a’ taghadh ceòl airson d’ fhilm, don uiread a tha thu ag iarraidh, agus cia mheud duine ris a bheil an dlighe-sgrìobhaidh a’ buntainn. Tha grunn chìsean na lùib. ’S dòcha gum feum tu cosgais sionc (synch) a phàigheadh don fhoillsichear airson an t-òran a chur an cois d’ fhilm agus cìs ùghdarrais a thoirt don chompanaidh ciùil airson a bhith a’ cleachdadh an CD aca.
  • Cuimhnich gum bi neach-ciùil no còmhlan-ciùil gun chùmhnant nas saoire na luchd-ciùil ainmeil, mar sin, dèan rùrachadh. Fiù ’s ged a chaidh an ceòl a chur ri chèile le caraid no neach-dàimh, tha e DAONNAN cudromach cumail ri riaghailtean dlighe-sgrìobhaidh.

Thoir sùil air MCPS-PRS Alliance airson tuilleadh fiosrachaidh. Gu tric, tha e nas fheàrr fòn a chur thuca gu dìreach airson solas a chur air na feumalachdan lagha agad fhèin.

Faic barrachd fios aig BBC Video Nation