Riaghailtean

Riaghailtean

1.    Feumar gach film fhaighinn ron a’ chinn-là dheireannach, 13 Dùbhlachd 2021. Cha ghabhar ri film sam bith às-dèidh a’ chinn-là seo.


2.    Le bhith a’ cur film a-steach don fharpais, tha farpaisich ag aontachadh ri na riaghailtean ’s an stiùireadh. Tha Cànan/MG ALBA a’ meas gu bheilear a’ gabhail riutha seo ma thèid film a chur thugainn.


3.    Feumaidh gach film a bhith air a mheasadh U/PG a-rèir stiùiridh BBFC. Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagraidhean film a dhiùltadh ma thathar a’ meas gu bheil iad oilbheumach, cliù-mhillteach, truaillte no drabasta a thaobh susbaint no cainnt.


4.    Feumaidh filmichean na farpaise a bhith anns a’ Ghàidhlig. Chan eil e mar chùmhnant na farpaise gun tèid Gàidhlig a chleachdadh san riochdachadh air fad, ach feumaidh am film crìochnaichte a bhith ann an Gàidhlig. Gabhar ri beagan Beurla ma mheasas na britheamhan gu bheil sin iomchaidh is riatanach.


5.    Feumaidh filmichean nan Inbheach a bhith eadar 0 is 5 mionaidean a dh’fhaid, a’ gabhail a-steach iomraidhean taing. Feumaidh filmichean na h-Òigridh a bhtih eadar 0 is 5 mionaidean a dh'fhaid. Cha ghabhar ri film nas fhaide no nas giorra na an ùine ruithe a thathar a’ sònrachadh.


6.    Tha co-dhùnaidhean nam breitheamhan deireannach. Cha ghabhar ri chonaltradh no còmhradh a’ buntainn ri na co-dhùnaidhean


7.    Tha Farpais nan Inbheach fosgailte do dhuine sam bith nas sine na 18 bliadhna a dh’ aois agus Farpais an Òigridh fosgailte do sgoilearan ‘s an àrd sgoil no bùn sgoil.


8.    Tha farpaisich a’ toirt cead do Chànan/MG ALBA am filmeadh, an clàradh agus agallamh a dhèanamh leotha air feum sanasachaidh ’s PR na farpaise. Iarraidh Cànan/MG ALBA aonta sgrìobhte air pàrantan/luchd-gleidhidh bho thaobh nam farpaiseach fo aois 18 bliadhna.


9.    Tha farpaisich a’ toirt cead do MG ALBA làn fheum craolaidh, DVD agus lìn a dhèanamh de dh’obair a th’ air a chur don cho-fharpais, air stèidh neo-thoirmeasgach mura tèid rudeigin eile aontachadh leis an fharpaiseach.


10.    Chan fhaodar aonta a dhèanamh ri duine eile air dòigh sam bith a tha na bhacadh do na còraichean a bheirear do MG ALBA.


11.    Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire film sam bith a dhiùltadh don fharpais air adhbhar sam bith mar a chithear iomchaidh iad.


12.    Chan eil am fiosrachadh a thaobh nan duais agus a’ phròiseas taghaidh ann an litreachas na farpaise, no ann am meadhan foillseachaidh sam bith eile, ceangaltach agus gabhar atharrachadh le Cànan/MG ALBA. Ma dh’fhaoidte gun cruthaich sinn duaisean a bharrachd ach cha bhi e mar fhiachaibh oirnn sin a dhèanamh ma mheasar mì-iomchaidh e.


13.    Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagradh don fharpais a dhiùltadh mura lean e ris an sònrachadh theicnigeach air làrach-lìn FilmG. Leugh an duilleag Sònrachadh Teicnigeach gu cùramach mun cuir thu a-steach.


14.    Faodaidh luchd-obrach MG ALBA/Chànan film a chur a-steach don cho-fharpais airson lèirmheas nam britheamh. Thèid a shealltainn air-loidhne, ach chan eil e ceadaichte dhaibh duais sam bith fhaighinn


15.    Tha e an urra ri farpaisich cead iomchaidh fhaighinn bho ghach neach a tha gabhail pàirt san fhilm, a thaobh gnothaichean pearsanta. Faicibh stiùireadh a’ BhBC gu h-ìosal : http://www.bbc.co.uk/guidelines/editorialguidelines/advice/informedconsent/usingstandardco.shtml


16.    Diùltar tagraidhean film a tha a’ bristeadh còraichean seilbh inntinn chàch, nam measg sin: teacsa, ceòl, dealbhan no prògraman, rùintean malairt no fiosrachadh dìomhair eile aig nach eil cead dlighe-sgrìobhaidh.