'S e deugaire a th’ ann an Alison, a’ clàradh a beatha air a fòn-làimhe. Chan eil innte ach nighean àbhaisteach ag aisling mu bheatha àbhaisteach a bhith aice. Ach, seo an trioblaid… chan urrainn dhi; tha daoine air a bhith ag obair oirre airson cho fad 's as cuimhne dhi. 'S e an latha mu dheireadh de shaor-làithean an t-samhraidh a th’ ann agus tha i an dòchas gum bi rudan air atharrachadh thairis air an t-samhraidh, ach tha e soilleir nach eil. Tha am bhideo goirid seo a’ toirt sùil air beatha Alison tron leabhar-là bhideo aice, agus tha e a’ sealltainn a' bhuaidh uabhasach a th' aig burraidheachd a th'air cuid.