Cluich as Fheàrr,
Dràma as Fheàrr
- FilmG open 2016
A Bheil Thu Gam Thuigsinn?
Suzy Lee
Tha Jean agus Donnie air a dhol a-mach air a chèile. Tha iad ag argamaid air an t-slighe a dh’obair. A’ dol bho Bheurla gu Gàidhlig, tha e soilleir nach eil iad a’ faighinn air adhart.
Tha Jean ag ionnsachadh Gàidhlig, ach tha i fhathast a’ faireachdainn gu bheil i air an iomall bho ghluais iad dhachaigh gu taigh Donnie. Tha i ag ionndrainn a’ bhaile mhòr agus na caraidean a bh’ aice an sin. Chan e seo an aon rud a tha ag adhbharachadh dragh ge-tà, tha text a’ nochdadh bho ‘J’, cò th’ann an ‘J’? Tha am film a’ coimhead air cho cudromach ’s a tha e do chuideigin nuair nach eil iad buileach fileanta nuair a tha a h-uile duine mun cuairt orra.