Film Coimhearsnachd as Fheàrr,
Film Aithriseach as Fheàrr
- FilmG open 2017
Taobh Eile Duilghe
Kerr Gibb
Sealladh air cò ris a tha beatha coltach airson cuid dhen mhillean gu leth fògarrach Sirianach ann an Leabanon.
A' fuireach ann an teantaichean is gun chead aca siubhal, cluinnear mu na duilgheadasan a th' aca a thaobh obair, am beatha làitheil, agus le bhith a' feuchainn ri leigheasan meidigeach fhaighinn, is thèid fhaighneachd gu dè tha an dàn dhaibh san àm ri teachd.
Chaidh am fiolm seo a dhèanamh le cead is cuideachadh luchd-iomairt sìthe Eadailteach a tha fuireach sa champa am measg nam fògarrach. Cluinnear cuideachd mun obair acasan a' toirt cobhair agus càirdeas dha na Sirianaich.