Duais Ghàidhlig nam Fileantach,
Cluich as Fheàrr,
Film as Fheàrr
- FilmG youth 2018
Mèirleach nam Meeehs
Àrd-sgoil MhicNeacail,
Advanced Higher Gaidhlig
Tha cridhe Iain Aonghais briste nuair a tha na caoraich phrìseil aige air an goid. Tha a bhean ag iarraidh gun lorg na poilis iad sa bhad oir tha na tha iad a' faighinn de dhuaisean agus a' cosnadh de dh'airgead ga cumail spaideil, agus gu dearbh 's e na caoraich phrìseil seo an aon adhbhar a tha i pòsta aig Iain Aonghas còir. Tha na poilis gu comasach a' rannsachadh na cùis le cuideachadh bho nàbaidhean aig nach eil an còrr ri dhèanamh ach an sròin a chuir ann an gnothaichean dhaoin' eile. Ach cò dìreach a ghoideadh caoraich, carson agus ciamar? Tha amharas aig DC Ealasaid gu bheil Britney an-sàs ann.