'S e fiolm aithriseach goirid a tha ann am Muir ar n-athraichean anns a bheilear a' dèanamh sgrùdadh air a' cheangal eadar iasgach agus Gàidhlig. Air a chlàradh ann am Beinn na Faoghla agus ann an Uibhist a Deas, tha am fiolm a' sealltainn air mar a tha Gàidhlig na pàirt air leth cudromach den dòigh anns am bi iasgairean a' dèiligeadh ris an àrainneachd mhara. Thathar cuideachd a' coimhead air mar a tha seo fo chunnart air sgàth cur an sàs nan Roinnean Dìon Mara a bhios a' cur stad air iasgairean bho bhith a' dol do chuid dhe na làraichean iasgaich as fheàrr ann an Innse Gall.