Cluiche as Fheàrr,
Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas
- FilmG open 2019
Na Sìthichean
Peggy May Chapple
Thàinig Na Sìthichean às an sgeulachd a nochdas gu tric ann am beul-aithris na Gàidhlig, far an tèid duine a chall leis na sìthichean. An dèidh bhliadhnaichean, nochdaidh an duine seo ann an sìthean, fhathast a' dannsadh còmhla ris na sìthichean, mar 's gu bheil an ùine mhòr a tha e air a bhith ann air a dhol seachad ann am priobadh na sùla. Sgrùdaidh am film na thachras dhan charaid a dh'fhàgas an duine seo, a gheibh binn airson a mhuirt. Cuideachd, cuiridh am film an sgeulachd seo ann an co-theacsa nuadh. Chaidh Na Sìthichean a chruthachadh le Peggy-May Chapple, Izzy Flower agus Joseph Flower.