Tha an fiolm seo a' toirt iomradh air Camanachd Lochcarrainn, aon de na clubaichean as sine ann an Alba bhon toiseach ann an 1883 chun latha an diugh agus tro chogadh is sìth. Chìthear dualchais beartach agus na ceanglaichean teann eadar cruth na tìre, Gàidhlig, an geama agus an coimhearsneachd. Anns a' bhaile bheag seo air Taobh Rois an Iar far a bheil Gàidhlig fhathast beò, chan e geama a-mhàin a th' anns a' Chamanachd ach dòigh beatha.