Drama goirid mun dàimh eadar màthair agus a nighean. Nuair a tha pàrantan Rosie a’ dealachadh tha i airson a’ choire a chur air a màthair leis gun do phut i a h-athair air falbh. Ach, chan eil tuigse cheart aice air na thachair eadar a h-athair 's a màthair nuair a dhealaich iad. Gheibh i a-mach gu bheil bràmair aig a h-athair. Aig a' cheann thall tha i ag iarraidh mathanas air a màthair.