Moladh sònraichte,
Film Aithriseach as Fheàrr
- FilmG open 2014
Dìneasaran air an Eilean Sgitheanach
Cameron Ross
Tha Taigh-tasgaidh Dhùghail Rois a' toirt cothrom do dhaoine na fosailean dìneasar as fheàrr a chaidh an lorg an Alba fhaicinn. Cluinnear mu na creutairean a bha beò air an Eilean Sgitheanach bho chionn iomadh bliadhna, agus mar a ghabh e fhèin ùidh sa ghnothaich.