Naidheachdan

FilmG ann 'son an dannsa mu dheireadh!

Tha deireadh sheachdain mhòr air thoiseach air Gàidheil gu leòr ‘s iad a dèanamh air Srùighlea gu na cuirmean-ciùil mu dheireadh aig Runrig. Agus tha sgioba FilmG fortanach gu leòr gu bheil sinn air fiathachadh fhaighinn a dhol ann còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig airson farpais na bliadhna-sa a shanasachd. Bidh sinn a’ sealltainn feadhainn de na filmichean as fheàrr bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh agus mu dh’fhaoidte gum bi freebie no dha againn dhuibh cuideachd.

‘S mar sin, ma tha an t-uisge a dòirteadh air Dihaoine no Disathairne agus fiù ‘s mur a bheil, carson nach tig sibh airson beagan blàths ann an teant FilmG agus Sabhal Mòr Ostaig!? Bidh fàilte chridheil romhaibh!



FilmG