Naidheachdan

Làmh an uachdar do dh'Iain Wilson!

Bha Iain Wilson às an Eilean Sgitheanach air thoiseach air chàich a’ tomhais cuspair FilmG 2020, ag obrachadh a-mach gur e “Treòraich” a bh’ ann.

Cha robh sgoilearan san t-seann sgoil aig Iain, Sgoil Stafainn, fada às a dhèidh, agus cha robh no Aonghas MacLeòid, Laura NicIllinnein, Molly NicFhionghain, no Elissa Hunter-Dorans a bhuannaich an-uiridh.

Tha Iain ag obair aig muir agus tha e fhèin ’s a charaid Alasdair MacLeòid air filmichean a dhèanamh airson farpais FilmG thar nam bliadhnaichean. Tha sinn an dòchas gun cùm na balaich orra a’ dèanamh fhilmichean a-niste gu bheil camara snasail aca!



FilmG