Naidheachdan

Brosnachadh do Mhuinntir a' Ghnìomhachais a dhol an sàs ann am FilmG 10

Bha e sgoinneil na h-uimhir fhaicinn aig taisbeanadh FilmG: 10 Bliadhna. Am measg na bha an làthair bha Mairead-Sìne Mason a bha na modal dhuinn ’o chionn bhliadhnaichean, agus Vicky Kilgour a nochd ann an dealbh ann an 2014. Chùm Vicky fios gu daoine aig an taigh cuideachd agus i air Facebook live a’ toirt dhaibh blasad de na bha dol aig an taigh!

 

Bill MacLeòid, Micheal Hines agus Matt Lloyd

Tha sinn fada an comain Matt Lloyd bho Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu a thàinig cuide rinn, agus an GSFF a’ taisbeanadh am film a ghlèidheas duais ‘Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr’ am-bliadhna. Tha duais-airgid sgoinneil ann cuideachd de £2,500 ri chosg air uidheamachd no trèanadh.

Dhan fheadhainn a bha ag amas air an duais sa, bha dà stiùiriche cho aithnichte ‘s a tha an Alba – Bill Macleòid agus Michael Hines – a’ bruidhinn ri ceannard MG ALBA Dòmhnall Caimbeul mu na thog an ùidh fhèin sna meadhanan agus dè an comhairle a bheireadh iad do luchd-tòiseachaidh.

Ma tha thusa fo 30, ag obair sna meadhanan agus ùidh agad san duais ùr seo, nach cuir thu fios thugainn?



FilmG