Naidheachdan

Snàmhadair Sgairteil a' Soirbheachadh

Chaidh an duais Stiùiriche as Fheàrr a bhuileachadh air rionnag nam meadhanan sòisealta, Calum MacIllEathain, aig Duaisean FilmG a-nochd (8mh Gearran), fear a tha, ‘s dòcha, nas cleachdte ri lochan reòite na cuirmean duaisean spaideil.

Tha Calum aithnichte airson a chuid fhilmichean air BBC The Social agus an t-sreath air snàmh san àrainneachd air BBC Alba, Dhan Uisge, agus ‘s esan a choisinn an duais airson an fhilm innleachdaich, Fo Bhuaidh.

Thuirt Calum, “Tha mi air mo dhòigh gu bheil mi air an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas a bhuannachadh. Tha a’ cho-fharpais am-bliadhna aig ìre uabhasach àrd agus tha cuid de na filmichean làidir dha-rìribh.

“Bha Fo Bhuaidh stèidhichte air beachd-smuain a bha nam inntinn o chionn fhada – sealladh oillteil am measg seann tancaichean mòra ola. Rinn mi am film gu lèir leam fhèin: filmeadh, cleasachd, fiù ‘s an ceòl. Bheir an duais cothrom dhomh leantainn orm le mo chuid obrach agus leudachadh na tha comasach a-nis. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cruthachadh tuilleadh fhilmichean san àm ri teachd.  

“’S e cothrom air leth a th’ ann am FilmG do luchd-film agus do dhaoine cruthachail airson beachdan-smuain ùra a chur an gnìomh no airson an cuid thàlanatan a thaisbeanadh agus an cuid Gàidhlig a chleachdadh.”

Bha am film, a tha stèidhichte air mar a bhios sinn a’ dèiligeadh le iomagain, air geàrr-liosta trì duaisean, ach chaidh an latha le Sòlas ann an dà dhuais, Dràma as Fheàrr agus Cleasaiche as Fheàrr.

‘S e film cumhachdach mu dheidhinn fòirneirt san dachaigh a th’ ann an Sòlas le Lana Pheutan, a choisinn an duais luach £1000, agus bhuannaich am prìomh chleasaiche, Màiri NicIllFhinnein, duais luach £200 mar Chleasaiche as Fheàrr, mar thoradh air a cuid cleasachd mar Jenna, boireannach a tha air fòirneart san dachaigh fhulang.

Bha Glaiste am measg nam filmichean a bu shoirbheachaile, agus bhuannaich e dà dhuais anns na trì geàrr-liostaichean air an robh e a’ nochdadh.

‘S i Eilidh NicIain às Inbhir Pheofharain a tha air cùl Glaiste, film tiamhaidh a thaobh slàinte-inntinn. Choisinn am film smuainteachail na duaisean Film Fòn-làimhe as Fheàrr agus Stiùiriche as Gealltanaiche le HIE, agus tha Eilidh a-nis air dà ghreis-obrach shònraichte anns na meadhanan a chosnadh dhi fhèin, agus aon dhiubh sin le BBC The Social.

Choisinn Sgoil MhicNeacail cuid mhòr de na h-àiteachan ann an roinn na h-òigridh, còig dhiubh uile gu lèir, agus rinn iad a’ chùis anns an duais Cleasaiche as Fheàrr agus duais Gàidhlig nam Fileantach airson a’ chomadaidh piosmathduff.com, agus Sgriobt as Fheàrr airson A-mach à Uchd a’ Bhàis, film aithriseach air call na h-Iolaire.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a’ phrìomh duais ann an roinn na h-òigridh, Film as Fheàrr, a mhaoineachadh agus ‘s e Àrd-sgoil Loch Abar a ghlèidh i am-bliadhna. Tha am film seo, Origami, coltach ri grunn fhilmichean eile am-bliadhna, stèidhichte air burraidheachd, ach eu-coltach ri càch, ‘s ann bho shealladh a’ bhurraidh a tha am film seo.

Bha Leas-phrìomh-mhinistear na h-Alba, John Swinney, an làthair air an oidhche: “Bu thoigh leam meal a naidheachd a chur air Àrd-sgoil Loch Abar, agus air a h-uile duine a shoirbhich a-nochd agus a choisinn àite air geàrr-liosta nan duaisean.

“Tha sinn fhèin ag aithneachadh gu bheil buannachdan cultarail, eaconamach, foghlaim is sòisealta do dh’Alba gu lèir anns a’ Ghàidhlig agus anns a' chultar. ‘S e sin as adhbhar gu bheil sinn ag iarraidh àireamh luchd-cleachdaidh a’ chànain a thoirt am meud agus na cothroman làitheil airson an cànan a chleachdadh a leudachadh.

 “Tha craoladh film agus telebhisean Gàidhlig riatanach airson a’ Ghàidhlig a ghleidheadh aig teis-meadhan fèin-aithne chultarail na dùthcha.”

Tha FilmG ga lìbhrigeadh le MG ALBA agus a’ chompanaidh mheadhanan Sgitheanach, Cànan Graphics Studio, agus tha e fa-near tàlant anns na meadhanan Gàidhlig a neartachadh. ‘S e seo an aonamh bhliadhna deug den cho-fharpais, agus tha FilmG air a’ chiad chothrom a thoirt do dh’iomadh neach a tha a-nis ag obair ann an gnìomhachas film is telebhisein na Gàidhlig.

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh aig MG ALBA:

“Tha mise air mo dhòigh glan leis cho math ‘s a tha na filmichean aig duaisean na bliadhna sa. Is iongantach na tha ann de thàlant òg fhaicinn is iad a’ neartachadh an cuid Gàidhlig – agus a’ cosnadh dhuaisean airson an cuid saothrach. Tha FilmG air slighe obrach a dhèanamh ann am film is telebhisean do dh’iomadh duine a-nis agus ‘s e adhbhar toileachais a th’ ann a bhith a’ faicinn an ath ghinealaich a’ tòiseachadh air an t-slighe sin...”



FilmG