Naidheachdan

FilmG ga cur air bhog airson an deicheamh turas!

Bha Fiona NicCoinnich, preasantair BBC ALBA, agus an neach-naidheachd is cluicheadair ball-coise, Calum Fearghasdan an làthair cuide ri sgoilearan às Àrd-sgoil Gheàrrloch air Diardaoin 22 Ògmhios airson an deicheamh co-fharpais a chur air chois.

Chaidh co-fharpais nam filmichean Gàidhlig aig MG ALBA, a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ann am film Gàidhlig a neartachadh agus sgrìobhadh sgeulachdan tro fhilm a bhrosnachadh. Tha stòras de chòrr is 650 film goirid Gàidhlig air a bhith ga chruthachadh air-loidhne agus tha daoine òga air a' cho-fharpais a chleachdadh mar mheadhan air tòiseachadh ann an dreuchd anns na meadhanan Gàidhlig. Am measg nan daoine òga seo tha dithis phreasantairean air prògraman chloinne sa Ghàidhlig, Megan Nicillinnein agus Kerry Anne NicLeòid a choisinn àite air a' gheàrr-liosta aig ciad chuirm duaisean FilmG airson nan taisbeanaidhean dràma iongantach aca agus a bhios a-nis rim faicinn gu minic air BBC ALBA.

Bidh sgoiltean air feadh na dùthcha a' gabhail pàirt ann, cho math ris na cleasaichean fa leth a shoirbhich, agus tha na buannachdan rim faicinn fad is farsaing. Chaidh co-fharpais na bliadhna fhoillseachadh ann an Àrd-sgoil Gheàrrloch air sgàth 's mar a shoirbhich leotha fhèin an-uiridh nuair a choisinn iad dòrlach dhuaisean a leithid 'Film Goirid As Fheàrr', 'Sgriobt As Fheàrr' agus 'Dealbh-beò As Fheàrr'.

Thuirt an tidsear Gàidhlig Iain Cuimeanach:

"Tha feasgar air leth math air a bhith againn an seo an Geàrrloch, agus tha an sgoil gu lèir agus muinntir na coimhearsnachd air a bhith an seo aig an fhoillseachadh agus a' comharrachadh nan sàr fhilmichean le sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch. Tha sinn air an t-uabhas a thaobh ciamar a nithear fhilmichean ionnsachadh thar nam bliadhnaichean agus chunnaic sinn gum b' fhiach an t-saothair sin leis na choisinn sinn aig FilmG 2017. Tha fadachd oirnn a bhith a' dol an sàs a-rithist am-bliadhna, agus tha cuid de na sgoilearan air na beachdan-smuain aca a leasachadh cheana agus air tòiseachadh air na sgriobtaichean aca!"

Thòisich FilmG a-rithist am-bliadhna le foillseachadh cuspair na farpais agus trì ìomhaighean/postairean stèidhichte air a' chuspair a bheir beachd-smuain don luchd-farpais.

'S e 'Fìrinn' cuspair na bliadhna agus dh'fhoillsich Fiona NicCoinnich agus Calum Fearghasdan trì ìomhaighean drùidhteach, agus tè dhiubh sin air a dealbhadh le Lucy Small às Àrd-sgoil a' Phluic mar phàirt de co-fharpais phostairean airson 10 bliadhna de FilmG a chomharrachadh.

Tha am Manaidsear Pròiseict, Flòraidh Forrest, a tha air a bhith a' stiùireadh FilmG bhon a chaidh a chur air bhonn, air a dòigh leis mar a tha a' cho-fharpais air a' chlach-mhìle chudromach seo a ruighinn:

"'S e pròiseact fìor inntinneach a tha air a bhith ann am FilmG, dhomh fhèin agus don sgioba thàlantach againn aig Cànan. Anns na deich bliadhna sin tha sinn air leasachaidhean mòra fhaicinn anns na dòighean leis am bithear a' cruthachadh agus a' sgaoileadh bhideo agus tha mise fìor thoilichte gu bheil FilmG air a bhith air thoiseach anns na meadhanan Gàidhlig an lùib nan leasachaidhean seo. Bidh FilmG a' conaltradh le Gaidheil òga agus gam brosnachadh gus an cluinnear an cuid ghuthan is sgeulachdan ann an saoghal an eadar-lìn a tha buailteach a bhith caran trang is faramach. Tha sinn a' dèanamh fiughair ris na deich bliadhna ri thighinn!"

Tha co-fharpaisean beaga 'flash' ann am-bliadhna airson a' chiad uair, a leigeas leis an luchd-farpais ullachadh airson na farpais agus a cumail air aire an t-sluaigh fad na bliadhna.

Tha a' cho-fharpais 'Dealbh-beò an t-Samhraidh' ann a tha fosgailte do chloinn de gach aois airson dealbh-beò fad mionaid a dhèanamh air cuspair sam bith. Bha Ruairidh Alexander às Àrd-sgoil Gheàrrloch, a bhuannaich duais 'Dealbh-beò na h-Òigridh' an-uiridh, an làthair airson beagan brosnachaidh a thoirt do chloinn eile a dhol an sàs san fharpais.

Thuirt Ruairidh:

"Thòisich mi air dealbhan-beò a dhèanamh o chionn bliadhna no dhà, agus bha mi air bhiorain nuair a chuala mi gun robh FilmG ann. Tha FilmG air a bhith glè mhath dhomhsa agus tha e air misneachd a thoirt dhomh airson cumail a' dol leis. 'S e seo a' chiad dhealbh-beò agam le guth air gu ruige seo, agus saoilidh mi nach eil mi ach air tòiseachadh leis an dòigh-obrach seo a-nis!"

Tha a' cho-fharpais 'Dealbh-beò an t-Samhraidh' fosgailte gu 18 Lùnastal agus thèid farpaisean flash eile fhoillseachadh tron bhliadhna.



FilmG