Naidheachdan

Sgoilearan à Loch Abar a’ dèanamh air Venice

Gheibh dithis sgoilearan aig Àrd-sgoil Loch Abar cothrom air leth a bhith an làthair aig Fèis Film Eadar-nàiseanta UNESCO CIAK JUNIOR aig deireadh a’ Chèitein.

Bidh Àrd-sgoil Loch Abar a’ riochdachadh na h-Alba aig an fhèis anns an Eadailt, leis an fhilm ghoirid aca, ‘Origami’, a ghlèidh an duais airson Film Òigridh As Fheàrr aig Duaisean FilmG 2019.
 
‘S e burraidheachd prìomh chuspair ‘Origami’ ach, gu h-annasach, ‘s ann bho thaobh a’ bhurraidh a tha am film drùidhteach seo a tha a’ tighinn gu crìch ann an dòigh thaitneach ris nach eilear an dùil. Sgrìobh na sgoilearan am film, bha iad nan cleasaichean ann agus chaidh a stiùireadh leotha cuideachd le taic an riochdaire film, Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain, a bhuineas do Scalpaidh na Hearadh.
 
Bidh na sgoilearan Flòraidh Stevenson agus Faye NicFhionghain a’ siubhal gu Venice airson an fhèis a fhrithealadh. Cha b’ urrainn do Fhlòraidh a bhith an làthair aig Duaisean FilmG air sgàth tinneis, mar sin tha i air a dòigh glan gun deach a taghadh airson an turais seo.
 
Thuirt Flòraidh: “Fhuair sinn uile spòrs agus eòlas cruthachail à Origami. Fhuair mi fhèin cothrom a stiùireadh agus fhuair mi pàirt bheag ann, ach cha b’ urrainn dhomh a dhol gu cuirm nan duaisean, mar sin chan eil an dàrna duais seo cho dona idir! Tha fadachd orm gus am faic mi na filmichean à dùthchannan eile agus tha mi an dòchas gum faigh sinn cothrom coinneachadh ri luchd-film òg eile.”
 
Bidh Manaidsear Pròiseict FilmG. Flòraidh Forrest, a’ siubhal cuide ris a’ bhuidhinn gu Venice. Thuirt i:
 
“Tha sinn air ar dòigh glan gun d’ fhuair sinn an cothrom seo agus tha sinn moiteil às an fhilm bhrìghmhor chruthachail a tha sinn a’ toirt leinn airson Alba a riochdachadh gu h-eadar-nàiseanta. Nuair a bhios cothrom aig daoine òga a bhith a’ siubhal agus a’ faicinn chultaran eile, thèid an cuid cruthalachd a neartachadh agus bidh barrachd tuigse aca air am fèin-aithne, an cànan is an cultar fhèin. ‘S e sin a tha sinn fhèin ag iarraidh brosnachadh ann an Gàidheil òga an latha an-diugh.”
 
‘S e MG ALBA a tha a’ maoineachadh an turais seo agus iad den bheachd gum biodh luach ann nan rachadh a’ cho-fharpais CIAK JUNIOR fhilleadh an lùib co-fharpais FilmG. Thuirt am Manaidsear Conaltraidh, Murchadh MacSuain:
 
“’S e adhbhar brosnachaidh dha-rìribh a th’ ann an susbaint Gàidhlig a th’ air a dèanamh le luchd film òg agus air a taisbeanadh aig fèis eadar-nàiseanta mar seo. Tha seo a’ dearbhadh a-rithist gur e cothrom air leth a th’ ann am FilmG agus gu bheil an t-uabhas comasach ma tha a’ Ghàidhlig agad.”

Bidh an fhèis air a cumail ann an Venice air 24 is 24 An Cèitean – lean FilmG air na meadhanan sòisealta airson nan dealbhan is bhideothan as ùire. 



FilmG