Naidheachdan

Geàrr-liostaichean 2019 air an gairm!

Tha sinn fìor thoilichte geàrr-liosta filmichean òigridh agus inbheach na bliadhna sa fhoillseachadh an dèidh an àireamh as motha de dh’fhilmichean fhaighinn.

‘S e filmichean às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan as motha a choisinn àite air na geàrr-liostaichean. Tha dà fhilm le Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas a’ nochdadh air a’ gheàrr-liosta, ‘Film As Fheàrr’.

‘S ann mu sheann bhoireannach a tha a’ chiad fhilm, ‘piosmathduff.com’, is i a’ cur feum air làrach-lìn airson bean a lorg da mac luideach, agus tha an dàrna film ‘A-mach à Uchd a’ Bhàis’ ag aithris air call brònach Thormoid MhicCoinnich a bh’ air an Iolaire.

Choisinn dithis à Baile Dhubhthaich, Jack Weir agus Gordie Bryce, àite air a’ gheàrr-liosta le ‘Fàisneachd Dedrick’ mu fhear-gnìomhachais a tha a’ fulang an dèidh bàs a mhnà, agus Sgoil Loch Abar le film tiamhaidh mu bhurraidheachd, ‘Origami’.

Agus cha b' e sgoilearan a-mhàin a thaisbean an cuid sgilean filmidh. Bha filmichean air leth math rim faicinn anns an roinn Fhosgailte airson luchd-film ùr nas sine na 17.

Tha an roinn dràma uabhasach làidir cuideachd agus air a’ gheàrr-liosta seo tha a’ bhlogair is rionnag nam meadhanan, Calum MacIllEathain, leis an fhilm, ‘Buaidh’, tè a bhuannaich roimhe le duais nan oileanach, Lana Pheutan, le ‘Sòlas’, Buidheann Dràma an t-Sabhail Mhòir leis an dràma, ‘Na Baobhan Sìth’ agus oileanach Oilthigh Napier, Jordan Sharkey, a bhios a' frithealadh a chuid chlasaichean air làrach City of Glasgow College, le ‘Ann am Priobadh na Sùla’.

Choinnich trì buidhnean fa leth de bhritheamhan ann an Glaschu agus anns an Eilean Sgitheanach airson na filmichean a sgrùdadh agus an fheadhainn as fheàrr a thaghadh a rachadh air na geàrr-liostaichean. Bha na preasantairean ùra air CBBC ALBA, Hannah MacKirdy, Ellen NicDhòmhnaill is Calum MacDhòmhnaill nam measg agus iad fhèin a’ breithneachadh air filmichean nam bun-sgoiltean.

Thuirt Calum: “Bha e math dha-rìribh a bhith nam bhritheamh air filmichean na bliadhna sa agus bha e soilleir gun d’ fhuair a’ chlann fhèin tlachd mòr às na filmichean. Bha e cianail doirbh ceithir filmichean a-mhàin a thaghadh airson a’ gheàrr-liosta ach bu chòir don fheadhainn nach d’ fhuair àite air a’ gheàrr-liosta a bhith uabhasach moiteil asta fhèin, tha pailteas tàlant a-muigh an sin.”

Bha an craoladair cliùiteach, Mòrag Stiùbhart, a bha an lùib stèidheachadh an dràma Ghàidhlig, Bannan, agus a riochdaich iomadh prògram Gàidhlig eile, air pannal nam britheamhan airson filmichean nan àrd-sgoiltean a mheas – cha bu bheag an t-saothair agus 60 film rin coimhead!

Thuirt Mòrag: “Bha e brosnachail dha-rìribh a bhith an lùib sgioba nam britheamhan am-bliadhna is sinn a’ meas filmichean na h-òigridh. Chòrd e rium gu h-àraid uiread de dh'fhilmichean aithriseach math fhaicinn san roinn seo. Tha làn fhios agam fhèin gum bi iad, mar as àbhaist, a' roghnachadh film dràma, a chionn is gu bheil barrachd spòrs na lùib! Ach am-bliadhna, tha na filmichean a' dearbhadh gun urrainn do dhaoine òga filmichean fhaicinn mar dhòigh air cùisean ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a thaisbeanadh.

“Tha e soilleir cuideachd gu bheil na filmichean fhèin a' sìor dhol am feabhas a h-uile bliadhna fhad 's a tha na daoine òga a' fàs nas sgileil leis an teicneolas ùr. Bha mi fhèin agus na britheamhan eile gu math toilichte faicinn gun robh ìre na Gàidhlig anns a’ bhuidhinn seo fhathast àrd.”

Thèid na filmichean a ghleidheas ainmeachadh aig cuirm duaisean spaideil FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 8 Gearran. Cùm cluas ri claisneachd air na meadhanan-sòisealta far an tèid fios mu thiceadan a sgaoileadh.



FilmG