Naidheachdan

Duaisean FilmG agus Ceithir de na Filmichean as Fheàrr gan craoladh air BBC ALBA

Tha sinn cho toilichte an naidheachd innse gun tèid cuirm nan duaisean a chraoladh air BBC ALBA airson a' chiad turais a-riamh.

Chan e mhàin sin, ach tha BBC ALBA cuideachd air fios a chur an cèill gun tèid ceithir de na filmichean goirid a b' fheàrr bho na co-fharpaisean a bh' ann roimhe a chraoladh air an t-sianal ro phrògram na cuirme Didòmhnaich 11 Gearran. Thèid na filmichean a bhithear a' sgaoileadh a ghairm san Fhaoilleach. Tha sinn an dòchas gu bheil sibhse a cheart cho toilichte ‘s a tha sinne leis an naidheachd shònraichte sa.

Nach sònraichte an naidheachd sa agus FilmG agus BBC ALBA le chèile a' comharrachadh deich bliadhna bhon a chaidh an cur air bhonn. Tha sinn an dòchas gun toir seo spionnadh do dhaoine film a dhèanamh, aig a’ mhionaid mu dheireadh.

Chuir Manaidsear Pròiseict Flòraidh Forrest an cèill gu bheil ùine gu leòr ann airson film goirid a ghlèidheas duais a dhèanamh ged a tha an ùine a' ruith:

"'S e seo an deicheamh bliadhna de FilmG agus tha sinn an dòchas gur i seo a' cho-fharpais as fheàrr gu ruige seo.

"Anns na bliadhnaichean roimhe tha sinn air filmichean a ghlèidh duaisean fhaighinn a chaidh a dhèanamh air an deireadh-sheachdain ron cheann-latha.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair mhòr ri cuid de na filmichean as fheàrr on tasglann againn fhaicinn air BBC ALBA airson a' chiad turais ro chuirm na bliadhna sa air 9 An Gearran."

Thuirt Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach:

"Tha sinn fìor thoilichte gum bi BBC ALBA a' craoladh Duaisean FilmG sa Ghearran. Tha FilmG air brosnachadh mòr a thoirt do ghinealach de dhaoine òga, cruthachail, mar sin tha e na thlachd dhuinn gu bheil cothrom againn ceithir filmichean drùidhteach a thaisbeanadh mus tòisich prògram nan duaisean."

Ghlèidh Reece MacAoidh, san dealbh gu h-àrd còmhla ri oileanaich eile bho Chùrsa nam Meadhanan, a bhuineas do dh'Àird nam Murchan, duais nuair a bha e san àrd-sgoil fhathast. Tha Reece na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig a-nis, agus thuirt e fhèin:

"Tha mi uabhasach moiteil gun do bhuannaich mi duais FilmG, agus gu dearbh tha e air mo bhrosnachadh gus leantainn orm le rannsachadh agus, tha mi an dòchas, dreuchd fhaighinn sna meadhanan. Dh'iarrainn air luchd film òg eile a tha am beachd film a dhèanamh gun dèanadh iad fear!"

Tha grunn daoine a ghlèidh duais FilmG air leantainn orra gus dreuchd fhaighinn ann an gnìomhachas nam meadhanan.

Tha duaisean airgid rim faighinn am bliadhna cho math ri cothroman greis-gnìomhachais le companaidhean riochdachaidh, leithid greis fad seachdain cuide ri BBC THE SOCIAL airson an neach a ghlèidheas an duais Film Goirid As Fheàrr air Fòn-làimhe.

Tha liosta agus fiosrachadh mu na duaisean ri fhaighinn an seo fhèin



FilmG