Naidheachdan

Air Stairsnich Ceann-là FilmG – Mìos A-mhàin ri Dhol!

Chan eil ach mìos ri dhol gus an tig ceann-là FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid aig MG ALBA, ach tha ùine gu leòr ann airson film Goirid a dhèanamh a rèir sgioba FilmG.

Tha FilmG an dùil ri tòrr a bharrachd fhilmichean am bliadhna, gu h-àraidh ann an roinn 12-17, is sgioba FilmG trang a’ siubhal air feadh na dùthcha a’ cuideachadh nan sgoiltean le an cuid filmeadaireachd.

An-uiridh, fhuair a’ cho-fharpais 71 film agus 34 ann an roinn nan inbheach agus 37 ann an roinn 12-17.

Tha na filmichean às na sgoiltean làn muirt, dìomhaireachd, teagamh agus, mar is àbhaist, beagan fealla-dhà. Tha muncaidh glic a tha a’ cruthachadh stuth glanaidh ùr a’ nochdadh san fhilm aig Àrd-sgoil a’ Phluic agus Bodach na Nollaig san fhilm aig Àrd-sgoil Loch Abar ‘s iad air Dragon’s Den Gàidhlig a chruthachadh.

Thathar cuideachd an dùil ri barrachd inntrigich airson na duais ‘Film Oileanaich as Fheàrr’ leis a’ chuspair, ‘Air an Stairsnich’, a’ brosnachadh mac-meanmainn fhilmeadairean air feadh na dùthcha agus duais àraid de ghreis-ghnìomhachais ann cuide ri companaidh riochdachaidh fad mìos.

Tha buidhnean coimhearsnachd cuideachd air am brosnachadh gus film a dhèanamh agus duais luach £1,000 airson ‘Geàrr-Aithris Choimhearsnachd as Fheàrr’. Tha Buidheann Dràma Uibhist air aon de na buidhnean a tha an dùil ri film a dhèanamh airson co-fharpais na bliadhna sa.

Thuirt Flòraidh Forrest bho FilmG: “Bliadhna às dèidh bliadhna tha FilmG air a bhith soirbheachail ann an tarraing a-steach barrachd fhilmichean bho air feadh na dùthcha agus thall thairis agus coltas ann gum faigh a’ cho-fharpais fada a bharrachd a-rithist am bliadhna. Gach bliadhna tha sinn air tòrr misneachd fhaighinn bhon uidhir de bhlàths-inntinn sa cho-fharpais is mhac-mheanmainn am measg filmeadaireachd Ghàidhlig. Ma tha thu fhathast a’ smaoineachadh air film a chur a-steach tha pailteas ùine agad is mìos ri dhol gus an ceann-là agus tòrr ghoireasan taice air loidhne airson do chuideachadh.”

Mar as àbhaist, thathar an dùil gum bi na filmichean aig ìre àrd agus bidh iad uile rim faicinn air loidhne nuair a dhùineas a’ cho-fharpais. Thèid na filmichean a bhuannaicheas fhoillseachadh aig cuirm dhuaisean FilmG anns an Old Fruitmarket, Glaschu, 9 Màrt 2012.

Ma tha thu fhathast a lorg dùsgadh-inntinn, faodaidh tu na geàrr-liostaichean is na filmichean air fad a ghlèidh anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh a choimhead air loidhne.

Airson cothrom fhaighinn air duaisean mìorbhaileach a bhuannachadh agus a dhol gu cuirm nan duaisean, chan fheum thu ach film goirid 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh agus a chur a-steach air an làraich-lìn againn ro 6 Faoilleach 2012. Mura h-eil Gàidhlig agad, gheibh thu taic troimh TàlantG, buidheann de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha deiseil is deònach gus do chuideachadh le eadar-theangachadh, guthan-aithris agus cleasachd.