Naidheachdan

Tha FilmG a' Brosnachadh Tagraidhean Film bho Thall Thairis

Tha FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, an dèidh duaisean na bliadhna sa fhoillseachadh, agus nam measg, tha duais ann airson a’ “Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr”. Bheirear seo don fhilm Ghàidhlig as fheàrr aig duine sam bith a tha a’ còmhnaidh ann an dùthaich sam bith seach Alba. Gheibhear 2 thiocaid do chuirm nan duaisean ann an Glaschu air 9 Màrt 2012, agus pàighear cosgaisean suas ri £500.

Ann am bliadhnaichean roimhe, fhuaras filmichean goirid bho air feadh an t-saoghail, bho Nuadh Iorc, Alasca agus Ontairio. Tha FilmG ag iarraidh brath a ghabhail air teicneòlasan ùra nam meadhanan sòisealta gus naidheachd a sgaoileadh mun cho-fharpais gus am faighear fiù ’s barrachd am-bliadhna.

Bidh farpaisich eadar-nàiseanta airidh air duaisean eile fhaighinn cuideachd, an leithid “Dràma Goirid as Fheàrr”, £1,500 agus “Aithris Ghoirid as Fheàrr”, £1,500.

Ma tha seansa gu bhith agad air duais, feumaidh tu film goirid de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Mura bheil Gàidhlig agad, bheir FilmG taic le eadar-theangairean is cleasaichean à TàlantG aig a bheil Gàidhlig. Faodar filmichean a chur a-steach air-loidhne tro làrach-lìn FilmG agus chithear na filmichean a fhuair sinn roimhe an sin. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air 6 Faoilleach 2011.

’S e ‘Air an Stairsich’ cuspair na bliadhna-sa.