Naidheachdan

Bùth-obrach Beul a’ Chamara FilmG 2011

An robh ùidh agad riamh ann an cleasachd no preseantadh?

Ma bha, seo cothrom dhutsa na sgilean agad fheuchainn air beulaibh a’ chamara! Bidh am bùth-obrach seo aig FilmG air a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig air 18 Samhain 2011. Bidh an tachartas fad an là seo a toirt a-steach preseantadh agus cleasachd, a’ toirt dhut cothrom nochdadh air beulaibh a’ chamara agus stiùireadh agus comhairle fhaighinn bho dhithis phroifeiseantaich às a’ ghnìomhachas.

Le còrr is 30 bliadhna air a cur seachad ag obair ann an craoladh, tha an riochdaire Mòrag Stiùbhart làn eòlach air ciamar a bheir i air preseantairean proifeiseanta agus feadhainn ùra an dìcheall a dhèanamh.

Rinn Artair Dòmhnallach cleasachd aig an RSAMD agus bhon uair sin tha e air iomadh caractar a chur an gnìomh air prògraman mar Mhachair, Eilbheas agus Màiri Mhòr.

Tha e an-dràsta ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig na Neach-ealain Dràma air Mhuinntireas. Tha am bùth-obrach an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.