Naidheachdan

An Àireamh as Motha air Cur a-steach don Fharpais Fhilm - FilmG!

Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta nam filmichean goirid aig MG ALBA, air 76 filmichean fhaighinn am bliadhna – an àireamh as motha a fhuaireadh a-riamh.

Chithear na filmichean air loidhne an-diugh fhèin (Diluain 16 Faoilleach) air làrach-lìn FilmG, far an tèid agad air bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu 31 Faoilleach. Thèid na bhòtaichean agad a chleachdadh airson duais Roghainn an t-Sluaigh a thaghadh.

Am measg britheamhan FilmG, air a bheil riochdairean a' ghnìomhachais an Alba, tha Chris Young, riochdaire an fhilm, 'The Inbetweeners' air an robh fèill mhòr o chionn goirid agus an cleasaiche Tony Kearney à 'River City' – cuide ri luchd-gnìomha BBC ALBA a ghabhas beachd air na filmichean is a chuireas geàrr-liosta ri chèile.

Tha muinntir nam filmichean às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich agus nas fhaide air falbh, fiù 's à Canada, agus tha deagh mheasgachadh de fhilmichean traidiseanta agus ùr-nodha ann is iad ag amas air cuspair na bliadhna sa, 'Air an Stairsnich'.

Tha àireamh nas motha de fhilmichean aithriseach air tighinn bho na h-inbhich, a bha airson rùrach anns na sgìrean aca fhèin agus an taisbeanadh anns na filmichean. Am measg nam filmichean aithriseach tha film aithriseach às Eilean Eige mu bhàn-Eigeach is an duff ainmeil aice, agus cuideigin à Steòrnabhagh a th' air film a chur a-steach mu dhithis às an aon teaghlach a tha bodhar, is iad gun facal Gàidhlig ged a chaidh an togail ann an teaghlach Gàidhlig anns na Hearadh.

Anns na 50 filmichean ann an roinn 12-17 tha caochladh sgeulachdan ann eadar atharrais air 'X-factor' agus beagan dibhearsain le taibhsean!

Tha am film às Àrd-sgoil Mhalaig stèidhichte air an sgioba ainmeil 'The A-TEAM' ach 's e 'G-TEAM' a tha seo a tha a' dìon na Gàidhlig o na nàimhdean aca, agus tha eòlaiche saidheans a' cruthachadh stuth glanaidh ùr le taic bho mhuncaidh ann am film le Àrd-sgoil a' Phluic!

Tha daoine òga air filmichean a chur a-steach leotha fhèin cho math ris an àrdachadh mhòr san àireamh de sgoiltean a tha air film a dhèanamh. Fhuair Caitlin NicFhearghais (17), às Àrd-sgoil Àird nam Murchan, a rinn film roimhe cuid ri a sgoil, iasad air goireasan film aig FilmG is rinn i am film aice fhèin – sgeul drùidhteach mu bhoireannach òg a tha an dùil ri leanabh agus a tha sa chùirt.

Thuirt Caitlin: “Bu toigh leam taing a thoirt dha FilmG airson stiùireadh a thoirt dhomh sna bliadhnaichean a chaidh seachad a thug misneachd dhomh airson cur a-steach don fharpais leam fhìn am bliadhna. Bha e car iomagaineach an toiseach ach an dèidh taic bho luchd-cuideachaidh FilmG chuir e iongnadh orm cho tlachdmhor is cho buannachdail 's a bha riochdachadh an fhilm. Tha co-fharpais na bliadhna air mo bhrosnachadh gu mòr is tha mi a' dèanamh fiughair ri an geàrr-liosta fhaicinn.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard MG ALBA: “Tha barrachd dhaoine air film a chur a-steach gu FilmG a-rithist am bliadhna. Tha e na chùis bhrosnachaidh dhuinn fhèin gu bheil barrachd sgoilearan agus dhaoine òga air filmichean goirid aig ìre àrd a chur a-steach thugainn. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an uiread fhilmichean le daoine òga agus na sgoiltean air a dhol am meud air a' Ghàidhealtachd fhèin agus nas fhaide air falbh.”

Thèid na filmichean a shoirbhicheas a ghairm aig cuirm chliùiteach Duaisean FilmG anns a' Fruitmarket, Glaschu, 9 Màrt.