Naidheachdan

Dà Dhuais Ùr Aig FilmG am-bliadhna

Tha FilmG air na duaisean aige fhoillseachadh am-bliadhna. Gheibhear an dà dhuais as motha luach £1,500 airson an Dràma Goirid as Fheàrr agus Aithris Ghoirid as Fheàrr air leth. Cuideachd, gheibhear duaisean airson a’ Film Goirid Coimhearsnachd agus Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr.

Jenny is Alasdair Foirbeis aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011

Jenny is Alasdair Foirbeis aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011

Thathar an dòchas gun cuir na duaisean daoine gu filmeadh, oir tha cuid dhiubh air an fheadhainn as fheàrr san dùthaich airson co-fharpais do dh’ fhilmichean goirid. ’S fhiach an aire a thoirt gu h-àraidh don duais sgoinneil luach £1,000 airson a’ Film Coimhearsnachd as Fheàrr, a tha a’ tomhadh air filmeadaireachd freumhaichte ann an coimhearsnachdan.

Thèid duais a thoirt don Fhilm Ghoirid Ghàidhlig Eadar-nàiseanta as fheàrr aig duine sam bith ann an dùthaich eile seach Alba. Gheibh am buannaiche dà thiocaid do chuirm nan duaisean sa Mhàrt, le cosgaisean siubhail suas ri £500. Leis an duais seo, tha dòchas aig FilmG gum faighear buannachd à ùidh sa Ghàidhlig thall thairis a tha a’ sìor dhol am meud. Anns na beagan bhliadhnaichean roimhe, chuireadh filmichean goirid a-steach bho àiteachan cho fad às ri Iorc Nuadh, Alàsca agus Ontario.

Acadamaidh Allt a' Mhuilinn aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011

Acadamaidh Allt a' Mhuilinn aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2011

’S e £1,000 an duais as motha a gheibhear san roinn 12-17 airson Film as Fheàrr agus cuiridh an Cleasaiche as Fheàrr latha seachad air an seat aig prògram BBC ALBA. Ma tha ùidh agad ann a bhith a’ cur a-steach don fharpais, cha leigear a leas ach film goirid Gàidhlig de 3-5 mionaidean a dh’fhaid a dhèanamh. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air an 6mh den Fhaoilleach 2011.