Naidheachdan

Fiolmadairean ùra a’ cur gleus air FilmG - roinn ùr san fharpais a’ sireadh bhideothan ciùil

Samhain 2012, Sanas naidheachad (às leth FilmG)

Tha FilmG 2012/2013 air leth toilichte foillseachadh a dhèanamh air com-pàirteachas ùr, brìoghmhor eadar a’ bhuidheann is Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour Music, a chuireas gu mòr ri roinn ùr, tharraingeach ann am farpais na bliadhna-sa.

Airson a’ chiad uair tha FilmG a’ sireadh bhideothan ciùil airson òrain Ghàidhlig a tha air a bhith air an ùr-sgrìobhadh agus air an seinn le tàlant òg.

Tha an seinneadair-sgrìobhaiche òran Alasdair Whyte, còmhla ris an stiùidio chliùiteach Ghàidhealach Watercolour Music, air ceithir dhe na h-òrain aig Alasdair fhèin a thabhann dhan phròiseact airson an roinn-farpais seo. Tha na h-òrain sin air ‘Las’, a’ chiad chlàr aig Alasdair, a chaidh a riochdachadh le Nick Turner is Màiri Anna NicUalraig aig Watercolour ann an Àird Ghobhar, Loch Abar. Tha an clàr ùr, fo bhratach Watercolour, air moladh sònraichte a chosnadh mar-tha ’s an stuth air fhaicinn mar mòr-thabhartas do sgrìobhadh-òran Gàidhlig.

A bharrachd air an sin, tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air cead a thoirt do FilmG agus fiolmadairean cothrom fhaighinn air An Taigh Òran, pròiseact sgrìobhadh-òran ùr-ghnàthaichte a stèidhich Fèisean nan Gàidheal le Stòras Watercolour, companaidh a chaidh a chur air chois, chan ann airson prothaid, le stiùirichean an stiùidio, airson tàlant ciùil Gàidhlig a bhrosnachadh.

Thàinig ochd òrain ùra a-mach às a’ phròiseact seo, a’ toirt cothrom do bhuidheann òga stiùireadh is comhairle fhaighinn bho sheinneadairean is luchd-ciùil a tha air cliù a chosnadh mar-tha sa ghnìomhachas, leithid Alasdair Whyte, agus na h-òrain ùra a chlàradh.

Thèid cuireadh a thoirt do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an bhideo-ciùil a dhèanamh do FilmG, pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach trèanaidh, agus coinneachadh ri Alasdair agus na seinneadairean-sgrìobhaichean eile - Caitlin NicNèill, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn, Emma Leitch and Robbie MacLeòid.

Thèid a’ bhideo a choisneas a’ phrìomh dhuais san roinn a shealltainn aig cùirm nan duaisean sa Mhàrt 2013, far an tèid uidheamachd fiolmaidh is gearradh luach £1000 a bhuileachadh air stiùiriche/riochdaire a’ bhideo.

Chaidh FilmG a chur air bhonn le MG ALBA ann an 2008. Thuirt Dòmhnall Caimbeul Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha am com-pàirteachas ùr seo a’ gealltainn pòsadh tarraingeach de cheòl ùr ‘s de thàlant mheadhanan, agus tha sinn air leth taingeil airson a’ chothrom a tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air a thabhann dhuinn. ’S e leasachadh sònraichte a tha seo do FilmG agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri na bhideothan ciùil fhaicinn an ath bhliadhna.”

Thuirt Art MacCarmaig, Fèisean nan Gàidheal: “Bha sinn fìor thoilichte an fheum as fheàrr a dhèanamh den taic-airgid aig IGE, Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson òrain ùra Ghàidhlig a chruthachadh ann am com-pàirteachas le Stòras Watercolour. Tha sinn air leth toilichte gu bheil na h-òrain bhon Taigh Òran a’ faighinn leasachadh bhideothan-ciùil tro FilmG, a’ toirt beatha a bharrachd dhan stuth às dèidh na pròiseact fhèin, agus a’ toirt foillseachadh air a bheil fìor fheum do chruth-ealain a tha airidh air barrachd meas na tha e a’ faighinn.”

A rèir Mhairi Ann NicUalraig bho Stòras Watercolour, "Tha a bhith a’ lorg ’s a bhith ag obair le tàlant ùr, cruthachail mar Alasdair daonnan fìor thaitneach, agus bha am brosnachadh a b’ urrainn dhuinn a thoirt do sgrìobhaichean ùra anns an Taigh Òran glè shàsachail cuideachd, gu h-àraidh on a bha sin a’ daingneachadh ceanglaichean làidir le buidheann mar FnG a tha air an aon ràmh bheachdan rinn fhìn. Tha e tarraingeach dha-rìribh a bhith a’ cuideachadh gus seo a thoirt ceum eile agus a’ tabhann cothrom do fhiolmadairean òga. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn a’ bhuil."

CRÌOCH

FIOSRACHADH

FILMG

Tha FilmG, farpais nam fiolmaichean goirid, stèidhichte mar aon de na goireasan as fheàrr san dùthaich airson obair ùr fhoillseachadh. ’S e Acras/Miann cuspair na bliadhna-sa. Tha pròiseact FilmG air a stiùireadh le Cànan, a’ chompanaidh a tha an sàs anns na meadhanan cruthachail, goireasan cànain agus obair dealbhaidh ann an Ionad FÀS san Eilean Sgitheanach.

MG ALBA

Is e MG ALBA ainm-gnìomh Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha MG ALBA ag obair ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC airson BBC ALBA a libhrigeadh. Airson barrachd fiosrachaidh mu MG ALBA agus mun cho-bhanntachd, faic www.mgalba.com.

FÈISEAN NAN GÀIDHEAL

Bha Fèisean nan Gàidheal air a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean.

WATERCOLOUR MUSIC

Tha Watercolour Music air a ghoireas clàraidh cruthachail is còmhnaidheil as ciataiche ann an Alba. Air bruaichean an Linne Dhuibh ann an Loch Abar, tha an t-àite fo stiùir a’ chàraid phòsda Nick Turner agus Màiri Anna Nic Ualraig, a th’ air iomadh duais a chosnadh.

Tuilleadh fiosrachaidh:-

FilmG: Mòrag Stiùbhart - 01471888505 / .(JavaScript must be enabled to view this email address)

Fèisean nan Gaidheal: Art MacCarmaig - .(JavaScript must be enabled to view this email address)

Watercolour Music: Màiri Anna NicUalraig - 07918 618374 / .(JavaScript must be enabled to view this email address)