Naidheachdan

Acras / Miann a’ comharrachadh an còigeamh farpais bhliadhnail aig FilmG

FIOS NAIDHEACHD, 7 SULTAIN 2012

Tha FilmG, farpais nàiseanta nam filmichean goirid aig MG ALBA, a’ cur cuspair na bliadhna seo air bhog gu h-oifigeil an-diugh (Dihaoine 7 Sultain).  ‘S e seo an còigeamh bliadhna a tha an fharpais soirbheachail seo, a tha dìreach air duais a bhuannachadh, air a bhith a’ dol.

Tha ‘Acras/Miann’ air a bhith air a thaghadh mar chuspair airson beachdan ùra a bhrosnachadh am measg an fheadhainn a tha an dùil pàirt a ghabhail ann an fharpais na bliadhna seo.

Tha seo mar dheagh naidheachd eile do FilmG às dèidh dhan fharpais duais shònraichte fhaighinn a- raoir mar an Tachartas Cultarach as Fheàrr aig Duaisean Tachartasan na h-Alba 2012 aig cuirm mhòr ann an Glaschu.  Chaidh FilmG a chomharrachadh airson duais còmhla ri Celtic Connections Big Top le Fèis Celtic Connections agus RBS Museum Lates le Taighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.  Tha an duais a’ toirt togail mòr do fharpais FilmG na bliadhna seo.

Thairis air còrr is seachdain, tha farpais nas lugha air a bhith a’ dol air adhart mun chuspair fhèin.  Chaidh trì ìomhaighean fhoillseachadh air-loidhne agus chaidh iarraidh air daoine an tuairmsean air a’ chuspair a chur air adhart.

Thàinig còrr is 300 tuairmse a-steach, le cuid dhiubh sin gu math inntinneach, leithid Mealladh, An Dà Shealladh agus Amas air na Reultan. Dhùin an fharpais sin aig meadhan oidhche, agus thèid an fheadhainn a bhuannaich ainmeachadh air-loidhne an-diugh.  Mar thoradh air an sin, bidh aon sgioba òg a’ cosnadh camara-flip don sgoil aca, agus bidh aon inbheach a’ faighinn iPad Apple.

Bhon a thòisich FilmG ann an 2008, tha an iomairt air òigridh is inbhich a bhrosnachadh gus camara a thogail agus na sgilean cruthachail is Gàidhlig aca a chur an ceann a chèile ann an dreach film ghoirid.  Thàtar air iarraidh orra film Ghàidhlig a dhèanamh anns a bheil eadar 3 is 5 mionaidean de dh’fhaid. Tha luchd-ionnsachaidh agus feadhainn aig nach eil Gàidhlig air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail cuideachd, tron taic cànain a tha FilmG a tabhann ann an TàlantG.

Tha dà phrìomh roinn san fharpais, aon do dh’inbhich agus aon eile do dh’òigridh eadar 12 is 17 bliadhna deug a dh’aois.  Le ruigse de dhuaisean, tha an fharpais a’ tighinn gu co-dhùnadh le cuirm dhuaisean a’ comharrachadh saothair na h-obrach.  Tha roinn-duaise ùr ann am bliadhna airson am bhideo ciùil as fheàrr, agus am bliadhna a-rithist, tha buidhnean coimhearsnachd air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail anns an fharpais.

Tha an làrach-lìn aig FilmG, www.filmg.co.uk air a bhith air ùrachadh agus tha e a-nis air a dhol beò.  Tha e làn fiosrachadh mun fharpais, na roinnean agus na duaisean.  Cuideachd, tha FilmG air Facebook.  Tha an 20 Dùbhlachd 2012 mar cheann-latha dhaibhsan a tha eadar 12 is 17 bliadhna a dh’aois agus an 6 Faoilleach 2013 dha na h-inbhich na filmichean fhaighinn a-staigh.

Tòisichidh iomairt coileanta de thrèanadh sna sgoiltean air Diluain, 10 Sultain.  Tha cuireadh air a dhol gu 41 sgoil gus pàirt a ghabhail san fharpais agus tha 30 sgoil mar-thà air gabhail ris a’ chuireadh sin agus iad uile ag iarraidh film/filmichean a dhèanamh.

Mar na bliadhnaichean eile, bidh FilmG cuideachd a’ tabhann trèanadh do dh’inbhich a tha airson pàirt a ghabhail, ged nach biodh eòlas aca air film a dhèanamh ron seo. Thèid bùthan-obrach agus clasaichean sònraichte air adhart anns an Eilean Sgitheanach, Glaschu, Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.

Thuirt Àrd-oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: “Nuair a chaidh FilmG a stèidheachadh ann an 2008, bha sinn an dòchas gum biodh e na bhrosnachadh do choimhearsnachdan agus do dhaoine fa-leth gus stuth meadhanan Gàidhlig ùr a chruthachadh airson tlachd a thoirt dhaibh pèin agus airson a’ sgaoileadh air an dearbh adhbhar.  Ge tà, tha an fharpais air soirbheachadh gu ìre a tha fad’ air thoiseach air na bha an dùil sa chiad dol a mach, agus ann an ùine ghoirid.

“Tha sinn air leth toilichte gu bheil FilmG air an duais Tachartas Cultarach as Fheàrr  a chosnadh.  Tha seo ag aithneachadh an ìre a tha FilmG air a ruighinn mar thachartas nàiseanta sa ghnìomhachas againn, agus air na cothroman trèanaidh gun choimeas a tha an iomairt a’ toirt do dh ‘òigridh agus do dh’ inbhich tro TàlantG.

“Tha sinn a’ coileanadh an amais a bha againn gus tàlant ùr a chuireadh stòiridhean an cèill air sgàilean a lorg.  Leanaidh an iomairt gus tuilleadh lorg fhaighinn air an leithid is an dealas a stiùireas na meadhanan Gàidhlig anns na bliadhnaichean is na deicheadan ri tighinn.

“Mholadh sinn do neach sam bith le ùidh ann am film ghoirid Ghàidhlig a dhèanamh, fios a chur thugainn agus gluasad gus pàirt a ghabhail ann am FilmG 2013.  Tha sinn a’ toirt taing don h-uile duine a tha air an iomairt shoirbheachail seo a chuideachadh bhon a thòisich i.”

Thuirt an An t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig:  “Tha mi fìor thoilichte gun deach aithneachadh cho sònraichte a thoirt do FilmG agus tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air companaidh ioma-meadhanach na Colaiste, Cànan, a tha air a bhith ag obair ann an dòigh cho èifeachdach le MG ALBA ann a bhith a’ lìbhrigeadh na farpais bhliadhnail agus cuirm nan duaisean.  Tha FilmG air obair chruthachail sa Ghàidhlig a bhrosnachadh agus tha e air cuideachadh le bhith a’ dèanamh na Gàidhlig nas tarraingiche do dhaoine òga sna sgoiltean”.

Tha fiosrachadh mu chothroman trèanaidh agus goireasan air-loidhne rim faicinn air làrach-lìn FilmG.  Tha na filmichean a fhuair moladh an uirigh rim faicinn air-loidhne cuideachd.

CRÌOCH

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu FilmG, cuir fios gu Cànan air 01471 888508/ .(JavaScript must be enabled to view this email address) neo gu Gary McQueen aig Media House air 0141 220 6040/ .(JavaScript must be enabled to view this email address).

Do luchd-deasachaidh:

Mu FilmG

Tha pròiseact FilmG air a stiùireadh le Cànan, a’ chompanaidh a tha an sàs anns na meadhanan cruthachail, goireasan cànain agus obair dealbhaidh ann an Ionad FÀS san Eilean Sgitheanach.

Tha dà phrìomh roinn ann am farpais FilmG, aon do dh’inbheach nach eil air comharradh-craolaidh fhaighinn thuige seo mar stiùiriche no mar riochdaire, agus aon do dh’òigridh eadar 12 is 17 bliadhna dh’aois.  Tha seo airson gum bidh an cudthrom gu sònraichte air tàlant ùr a thoirt air adhart. Thig an dà roinn gu crìch aig cuirm dhuaisean.  Tha barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn FilmG air www.filmg.co.uk.

MG ALBA

Is e MG ALBA ainm-gnìomh Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha MG ALBA ag obair ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC airson BBC ALBA a libhrigeadh. Airson barrachd fiosrachaidh mu MG ALBA agus mun cho-bhanntachd, faic www.mgalba.com.