Naidheachdan

Filmichean air loidhne!

Tha na filmichean uile air ar làrach-lìn a-nis airson FilmG 2013!  Tha Sgioba FilmG air a bhith glè thrang a' siubhail air feadh Alba bhon a thòisich an fharpais anns An Lùnasdal.  Thòisich Sgioba FilmG bùithean-obrach nan sgoiltean ann an Dùn Omhainn am bliadhna-sa agus chuir iad crìoch air na bùithean-obrach anns an t-Obain. Fhuair sinn 42 filmichean airson Farpais 12 - 17 agus nar beachd, bidh sibh ag aontachadh leinn gu bheil deugairean làn thàlan nam measg na filmichean.  Cuiridh sinn fiosrachadh mu gheàrr-liostaichean a-mach ann an ùine nach bi fada!

Thairis air na mìosan a chaidh seachad, tha sinn air a bhith a' tabhainn bùithean-obrach filmeadaireachd ann an Glaschu, Inbhir Nis agus air an Eilean Sgitheanach.  Fhuair sinn 20 filmichean airson Farpais na h-Inbhich am bliadhna agus bidh na breitheamhan a' coinneachadh air Dihaoine 8mh den Gearran.

Meallaibh ur naidheachd do Ali Forbes agus Àrd-sgoil Phort Rìgh a bhuannaich Farpais Cuspair FilmG anns an t-Sultain!  Ann am Farpais Cuspair FilmG bha daoine a' beachdachadh air cuspair na bliadhna-sa. Chuir sinn trì iomhaighean air loidhne agus bha cothrom ann iPad neo Flip Camara a bhuannachadh. Fhuair sinn còrr is 300 tuairmse uile gu leir agus b' e Ali an aon neach a thomhais cuspair FilmG 2013, leis an tuarimse aige; Miann.

Rinn na sgoiltean deagh oidhirp gu dearbh agus abair gun d’fhuair sinn beachdan gu math cruthachail agus inntineach bhuaibh. B'iad Àrd-sgoil Phort Rìgh a b' fhaisge air a’ chuspair ACRAS/MIANN leis na tuairmsean aca - miannach agus miann-cridhe - agus 's iad-san a choisinn an camara.