Naidheachdan

NA RIONNAGAN MÒRA, NAM MEASG JAYD JOHNSON AGUS LAURA McMONAGLE, A’ TOIRT SEACHAD DUAISEAN FILM NÀISEANTA NA GÀIDHLIG

Bha rionnagan mòra nam meadhanan a’ deàrrsadh ann an Glaschu a-nochd (Dihaoine 22 Màrt) airson duaisean a thoirt seachad aig a’ chòigeamh chuirm bhliadhnail airson duaisean film nàiseanta na Gàidhlig.

Chaidh FilmG, cuirm nan duaisean film, a chumail le MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, ann an ionad Arches, Glaschu, an dèidh co-fharpais shoirbheachail eile.

Am measg nan aoighean a thug duaisean seachad bha an cleasaiche cliùiteach Albannach, Jayd Johnson, a choisinn duais BAFTA 2012 airson Field of Blood agus a chleachd a bhith ann an River City, agus Laura McMonagle a bha sna filmichean ‘Ae fond Kiss’ agus ‘The Wee Man’ le Martin Compston am bliadhna seo.

Cuideachd a’ toirt seachad duaisean bha an riochdaire telebhisein, neach-lìbhrigidh agus cleasaiche Tony Kearney, Sally Howitt bho River City, Shane O’ Meara agus Kirstie Steele bho Waterloo Road agus an Stiùiriche ainmeil Mìcheal Hines. Bha aodainn agus guthan bho BhBC ALBA cuideachd an làthair, nam measg neach-lìbhrigidh Reporting Scotland Alasdair Friseal agus Kirsteen NicDhòmhnaill a bhios a’ toirt thugainn an aimsir.

Os cionn chùisean airson na h-oidhche bha Fiona NicChoinnich, aodann BBC ALBA, agus Niall Iain Dòmhnallach, neach-lìbhrigidh telebhisein agus rèidio.

B’ e cuspair na bliadhna seo ‘Acras/Miann’ agus thàinig filmichean a-steach an dà chuid bho òigridh eadar 12 is 17 agus bho inbhich, le 62 a’ tighinn a-steach uile gu lèir. Bha na britheamhan gu h-àraidh toilichte le ìre nam filmichean a thàinig bhon òigridh le 42 film air a thighinn a-steach bho air feadh Alba, le Acadamaidh Alanais agus Àrd-sgoil Dhùn Omhain a’ cur a-steach filmichean airson a’ chiad uair.

Thuirt an cleasaiche Laura McMonagle:  “B’ e urram a bh’ ann a bhith an làthair agus a’ cur taic ri duaisean FilmG na bliadhna seo.  Tha e na thlachd dhomh a bhith a’ faicinn uiread de thàlant a’ tighinn troimhe agus a’ faicinn Gàidhlig air a bhith air a cleachdadh ann an dòigh cho proifeasanta agus cruthachail agus tha seo a’ cur gu mòr ris na meadhanan ann an Alba agus ri Gàidhlig agus cultar”.

Thuirt Mìcheal Hines, stiùiriche agus britheamh FilmG:  “Bha mi air leth toilichte a bhith na mo bhritheamh agus ’s e urram a th’ ann Duais Roinn an t-Sluaigh a thoirt seachd aig tachartas leithid seo”.

Thuirt Dr Alasdair Ailean, Ministear airson Cànanan Alba: “Tha FilmG a’ toirt cothrom dha daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig agus aig nach eil airson sgilean ùra ionnsachadh agus misneachd fhaighinn ann an saoghal nam filmichean. Tha cuirmean leithid seo a’ taisbeanadh na chuireas filmichean Gàidhlig ri cultar na h-Alba, is na h-oidhirp cudromaich a bhios an luchd-film, ùr agus stèidhichte, a’ dèanamh gus daoine òga a bhrosnachadh agus tha mi airson meal a naidheachd a chuir orra air fad.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA:  “Tha e air bhith na thlachd a bhith a’ faicinn uiread de fhilmeadairean agus de sgoiltean a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair.  Tha sinn air ar brosnachadh le na filmichean agus an ìre de thàlant a tha iad a’ toirt thugainn, agus tha britheamhan na bliadhna seo air a bhith air an glacadh le seo.

Tha sinn a’ cur meal a naidheachd orrasan a bhuannaich ach aig an aon àm a’ chomharrachadh gach duine a chuir a-steach airson FilmG 2013.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri feabhas filmichean na bliadhna seo fhaicinn aig co-fharpais FilmG na h ath bhliadhna”.

Bho thòisich FilmG o chionn còig bliadhna, tha e air tàlant air leth a lorg agus chaidh ainmeachadh mar an Tachartas Culturach as Fheàrr 2012 aig Duaisean Tachartasan Alba.

Bha ceòl agus òrain gu leòr air an oidhche cuideachd bhon chòmhlan ‘Macanta’.  A thuilleadh air na h-òrain sin a sgrìobhadh  ‘s a sheinn, thug Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain às na Hearadh dhachaigh trì duaisean airson a’ Bhideo Ciùil aige.