Naidheachdan

Geàrr-Liostan 2014 air Fhoillseachadh!

Bhrosnaich cuspair na bliadhna-sa ‘Rùn’ beachdan ùra, inntinneach, rud a rinn obair nam britheamhan air leth doirbh. Air pannal nam britheamhan bha luchd-proifeasanta bho BhBC ALBA agus a’ ghnìomhachas, nam measg Derek Mac an Tòisich agus tè a bhuannaich a cheana, Elly Welch.

Thuirt Elly: “Bha e fìor mhath a bhith air pannal nam britheamhan am bliadhna-sa. Às dèidh dhomh fhèin  a bhith an sàs san fharpais a cheana tha mi a’ tuigsinn cho fìor chudromach sa tha e a bhith a’ brosnachadh dhaoine agus a’ sireadh tàlant às ùr. Agus bha gu leòr den sin ann am bliadhna. Tha gach film a ràinig ìre geàrr-liosta aig ìre glè mhath agus mholainn-sa dhan a h-uile duine a dhol gan coimhead.”

 

Tha sgoiltean sna h-Eileanan an Iar air a bhith air leth soirbheachail agus na ceithir filmichean a chaidh an dèanamh le na ceithir àrd-sgoiltean an sin air a’ chùis a dhèanamh faighinn air a’ gheàrr-liosta. Nam measg tha ‘An Tòimhseachan’ le Sgoil Lionacleit airson Riochdachadh agus Cluiche as Fheàrr agus airson Duais Gàidhlig FilmG, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil le ‘An Càirdeas Carach’ airson Duais Chuspair FilmG agus Gàidhlig, Sgoil Sir E. Scott le ‘Ceòl ann an Sir E. Scott’ airson Duais Ghàidhlig FilmG agus Sgoil Mhic Neacail leis am bhidio ciùil acasan ‘Latha Math’ airson Bhidio Ciùil as Fheàrr.

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith gu math soirbheachail cuideachd le trì de na ceithir filmichean acasan air geàrr-liosta. ’S iad sin ‘A Tarraing à Bond’ airson Film as Fheàrr, ‘Caraidean Ceòlach’ airson Duais Chuspair FilmG agus Cluiche as Fhèarr agus ‘A’ Choinneamh’ a th’ air a’ gheàrr-liosta airson Duais Gàidhlig FilmG.

Am measg an fheadhainn a tha airidh air an ainmeachadh tha am filmeadair òg Shannon NicIlleathain à Muile a rinn am film goirid ‘Gaol nan Eilean’ mu dheidhinn Eilean Mhuile agus carson a tha e sònraichte. Tha e air a’ gheàrr liosta airson am Film as Fheàrr.

Cha b’ e sgoilearan a mhàin a bha soirbheachail am bliadhna-sa. Tha an roinn fhosgailte airson filmeadairean os cionn seachd bliadhna deug agus buidhnean coimhearsnachd air a bhith soirbheachail cuideachd. Às na h-Eileanan an Iar tha Keith Patrick Stringer air a bhith soirbheachail leis am film aige ‘Taigh a’ Mhuirt’ air a’ gheàrr-liosta airson Film as Fheàrr  agus Duais Chuspair, Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain leis am film aige mu dhùnadh Sgoil Sheileboist sna Hearadh airson Film Aithriseach as Fheàrr agus Raonaid Cheanadach airson a cluiche ann an ‘Latha Eile, Saoghal Eile’.

Tha filmichean à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air a bhith air leth soirbheachail am bliadhna-sa. Tha Sgioba Dràma Chille Mhoire air comadaidh a dhèanamh, ‘Na Slapagan’, a th’ air a’ gheàrr-liosta airson Film Coimhearsnachd as Fheàrr. Tha na ‘Brògan Beaga’ à Cille-Mhoire air a’ gheàrr-liosta dà thuras airson Film Coimhearsnachd as Fheàrr agus Film Aithriseach as Fheàrr. Cuideachd, rinn Cameron Ross à Eiliseadar film goirid ‘Dìneasaran air an Eilean Sgitheanach’ a th’air a’ gheàrr-liosta airson Film Aithriseach as Fheàrr.

Thèid an fheadhainn a bhuannaich an ainmeachadh aig Cuirm nan Duaisean a thèid a chumail aig an Seann Fruitmarket ann an Glaschu air 14 Màirt. Cumaibh cluais ri claisneachd airson fios a bharrachd mu thiceadan!

A’ cumail ceòl ri luchd-amhairc nan duaisean am-bliadhna bidh ‘Seo Linn’, còmhlan òg à Èirinn a choisinn cliù dhaibh fhèin an uiridh nuair a thug iad fhèin is sgoilearan à Coláiste Lurgan an dreach fhèin air an òran aig Avicii ‘Wake Me Up’. Sheall còrr math is 3 millean neach air am bhidio air Youtube, agus a bharrachd air sin tha i air ùidh ann an Gaeilge a bhrosnachadh a-measg dheugairean ann an Èirinn agus gu h-eadar nàiseanta.