Naidheachdan

SÀR-CHLAS DRÀMA

Tha Sabhal Mòr Ostaig ann an co-bhanntachd leis an RCS (Royal Conservatoire of Scotland) agus FilmG ro-thoilichte an cothrom a thoirt do dhaoine a thighinn gu sàr bhùth-obrach drama leis an cleasaiche ainmeil Ronnie McCann thairis air an deireadh sheachdain sa tighinn.

Thèid an tachartas a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig a’ tòiseachadh oidhche Haoine 20mh Sultain aig sia uairean feasgar gu naoi agus a-rithist Disathairne 22mh Sultain eadar deich uairean sa mhadainn agus ceithir feasgar. Thathas ag amas air daoine aig a bheil uidh ann a bhith cleasachd mu choinneamh camara.

Bha Ronnie an sàs ann an iomadach program TBh nam measg “Shadow Dancer”, “Casualty”, “The Bill”, “Taggart”, “Taking Over the Asylum”, “Inspector Lynley Mysteries”, “Judge John Deed” agus “Eastenders”.

Cosgaidh am bùth-obrach £20 (£10 do dh’oileanaich). Airson àite a' chlàradh thigibh gu http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/sar-chlas-drama