Naidheachdan

Bliadhna air leth soirbheachail le 76 filmichean eadar an dà roinn.

Tha bliadhna air leth soirbheachail air a bhith aig FilmG, farpais bhliadhnail filmichean goirid MG ALBA, le 76 film goirid gan cruthachadh, 46 dhuibh sin le òigridh agus 30 ann an roinn nan inbheach. Gheibhear na filmichean air fad rin coimhead air loidhne bhon diugh fhèin (Dimàirt 28 Faoilleach) agus faodar bhòtadh airson an fhear as fheàrr leat gu meadhan an ath mhìos (10 Gearran) nuair a thèid geàrr liosta nam britheamhan fhoillseachadh.

Chaidh an àireamh de fhilmichean ciùil suas gu mòr am bliadhna sa agus iad uile aig ìre fìor mhath. Nam measg tha film ghoirid leis a’ chomhlan Niteworks a chaidh a chlàradh ann an Glaschu. Thug iadsan dreach ùr air an Òran ainmeil aig Màiri Mhòr nan Òran “Eilean a’ Cheò” ‘s e sealltainn mar a tha càraid òg a’ sgaradh. Tha “Còmhla riut-sa”, bhidio ciùil le Phill Todd, ag innse sgeòil càraid a tha gan sgaradh bho chèile ‘s iad a’ sireadh fasgaidh às dèidh dhan chroit aca a bhith air a chreach.

Tha filmichean na bliadhna sa aig sàr ìre a thaobh riochdachaidh, ‘s e gu math follaiseach gun do rinn cuid oidhirp mhòr na filmichean aca a chlàradh taobh a-muigh crìochan na sgoile rud a thug piseach air inbhe nam filmichean.

Tha an àireamh de fhilmichean comadaidh air meudachadh am bliadhna sa cuideachd. Nam measg tha film le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, “A’ Tarring À Bond”, anns a bheil farsaingeachd de charactaran inntinneach. Chithear bho bhith coimhead cuid de na filmichean cho spòrsail sa bha e dhan òigridh a bhith a’ clàradh nam filmichean gu sònraichte “Ailean Dubh às Lòchaidh” le buidheann à Inbhir Pheofharan agus “Latha Math” le Sgoil Mhic Neacail.

Thuirt Manaidsear Phròiseact FilmG, Flòraidh Forrest: “Tha sinne air ar dòigh am bliadhna-sa, chan ann a-mhàin leis an àireamh de dh’ fhilmichean ach cuideachd an ìre aig a bheil iad. Tha an dà bhuidheann, òigridh is inbhich, air dèiligeadh gu math le cuspair na bliadhna sa “Rùn” a chaidh a chur mun coinneamh aig toiseach gnothach. Mholainn sa dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am filmichean a dhol dhan coimhead agus bhòtadh airson an fhear as fheàrr leotha”.

Chithear na filmichean air fad air loidhne aig http://www.filmg.co.uk bho Dhimàirt 28 Faoilleach. Thèid geàrr liosta nam britheamhan fhoillseachadh ann am meadhan a’ Ghearrain agus thèid na bha soirbheachail  ainmeachadh aig Fèis nan Duaisean ann an Glaschu air Dihaoine 14 Màrt.