Naidheachdan

FILMG NA BLIADHNA SA GA CHUR AIR BHOG AGUS ÒIGRIDH AIR AM BROSNACHADH GUS NA FILMICHEAN ACA FHÈIN A CHRUTHACHADH

Tha FilmG, co-fharpais bhliadhnail filmichean goirid nàiseanta aig MG ALBA air fhoillseachadh gu h-oifigeil an-diugh aig cuirm dheugairean san Eilean Sgitheanach. Seo an t-siathamh co-fharpais bhliadhnail filmichean goirid nàiseanta aig MG ALBA.


Chaidh cuspair na bliadhna sa – ‘Rùn’ – (rùn-diomhair, rùn-gaoil…)  fhoillseachadh aig cuirm aig Columba 1400 ann an Stafainn ’s òigridh agus  buidhnean coimhearsnachd gam brosnachadh gus beachdan ùr inntinneach a’ sgaoileadh le bhith cruthachadh na filmichean aca fhèin.

 

    

Tha FilmG airson òigridh agus inbhich a bhrosnachadh gus na tàlantan cruthachail aca a thoirt am bàrr tro mheadhan na Gàidhlig. Thathas ag iarraidh air daoine filmichean goirid eadar trì is còig a mhionaidean a chruthachadh sa Ghàidhlig. Cha leig luchd-ionnsachaidh agus daoine aig nach eil a chànan idir a bhith air am bacadh ’s cuideachadh gu leòr ri làimh  le prògram cuideachaidh FilmG, TàlantG.


Chan fheum òigridh a bhith an eisimeil clas sgoile airson feuchainn air an fharpais – gu dearbh ’s ann a tha FilmG airson seo a bhrosnachadh. Am measg na bha làthair bha Molly Robasdan às an Ath Leathann a bhuannaich duais na bliadhna an-uiridh airson Riochdachadh, luach £1000 airson uidheamachd ùr. Thuirt Molly “Bha a h-uile dad mun uiridh fìor mhath, gu sònraichte a bhith an comas a dhol gu Cuirm nan Duaisean. Tha e inntinneach dha rìreabh a bhith ag obair air pròiseact leithid FilmG.”


Thuirt Manaidsear Phròiseact FilmG, Flòraidh Forrest “ tha sinn gu sònraichte airson òigridh leithid Mholly a bhrosnachadh gus filmichean a dhèanamh leotha fhèin no còmhla rin caraidean. Tha uidheamachd clàraidh is gearradh ri làimh do dh’ òigridh còmhla ri sgilean coimpiutaireachd is teicneòlas. Chan eil dad a dhìth ach beachd mhath.


Thuirt Annette Kerr bho Neach-aire a Phròiseact son MG ALBA “Tha FilmG air a bhith uamhasach fhèin soirbheachail bho chaidh a stèidheachadh ann an 2008 agus tha sinn cinnteach gum bith farpais na bliadhna sa a cheart cho soirbheachail ann a bhith toirt tàlant ùr cruthachail am bàrr.


“Gach bliadhna tha an tuilleadh san tuilleadh tàlant a’ tighinn am bàrr tron fharpais a-rèir am pannal bhritheamhan.


“Bheireadh sinn a h-uile misneachd do dhuine sam aig a bheil ùidh ann am filmichean goirid – as bith dè an ìre aig a bheil iad – bualadh orra. Tha taic gu leòr ri fhaotainn tron sgioba TàlantG airson na beachdan agaibh a thoirt air adhart chun an ath cheum gu ìre craolaidh”.


A thilleadh air òigridh a bhrosnachadh tha sgioba FilmG cuideachd airson buidhnean coimhearsnachd a mhisneachadh gus filmichean a dhèanamh mu thachartasan no daoine sa sgìre aca fhèin.


Bidh làn fhiosrachadh ri fhaotainn air làrach lìon FilmG a dh’aithghearr ach ma tha ùidh sam bith aig duine cuireadh iad fios gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) no aig FilmG Alba air Facebook.