Naidheachdan

CUSPAIR AGUS POSTAIREAN FILMG 2014 AIR AM FOILLSEACHADH!

   

Chaidh Rùn fhoillseachadh mar chuspair FilmG 2014 Dihaoine sa chaidh an Columba 1400 anns an Eilean Sgitheanach. Nochd còrr is fichead deugair dhan tachartas shònraichte, far an robh Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain an-làthair na aoigh a’ bruidhinn air mar a rinn e fhèin am film leis an do bhuannaich e tri duaisean an-uiridh. Chaidh postairean na sgoiltean fhoillseachadh agus chòrd iad glan ri daoine. Chan fhada gus am bi na postairean ‘son inbhich a’ nochdadh – ach a-nise ‘s gu bheil fhios agaibh air cuspair na bliadhna faodaidh sibh tòiseachadh a’ beachdachadh air film a dhèanamh airson farpais FilmG 2014!