Naidheachdan

FILMG A’ DEANAMH AIR NA H-ARD SGOILTEAN

An-diugh fhèin (Dimàirt 10 Sultain) thadhal riochdairean bho Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis airson sùil a thoirt air an obair aon-mholta a tha FilmG a’ dèanamh ann an àrd sgoiltean air feadh na dùthcha.

Tha FilmG, Co-fharpais Nàiseanta  Ghàidhlig nam  Filmichean Goirid, a-ruith sgeama-trèanaidh an cois na farpais a tha toirt an cothrom do dh’ oileanaich is inbhich aig a bheil ùidh sa ghnothaich, na filmichean goirid aca fhèin a chruthachadh sa Ghàidhlig. Thoisich program trèanaidh 2014 le clas leasachadh-sgeulachd le neach teagasg agus co-òrdanaiche nam bùithtean-obrach  Muireall Urchadan, arsa ise “tha sinn air bhoil  bho thoisich bùithtean-obrach na bliadhna sa agus tha sinn air leth toilichte a bhith seo aig Acadamaidh Rìoghail  Inbhir Nis, sgoil a tha air a bhith air leth taiceil do FilmG bho thoiseach tòiseachaidh.”

Thuirt Muireall, a bha roimhe seo ag obair sna meadhanan: “Tha mise air mo dhòigh glan a bhith an sàs ann am pròiseact cruthachail dhan a leithid seo. A thuilleadh air a-sin tha mi faicinn cho cudromach ’s a tha e gum faigh òigridh a h-uile taic is misneachd a tha a dhith orra airson am brosnachadh gus a bhith smaoineachadh air obair as na meadhanan,  mar a fhuair mi fhìn aig an aois sin.”

Thairis air na ceithir mìosan a tha romhainn bidh Muireall agus an sgioba a’ tadhal air 25 de dh’àrd sgoiltean air feadh na dùthcha airson clann uidheamachadh ann a bhith cruthachadh filmichean goirid. Tha an fharpais seo a’ toirt cothrom air leth do dh’ òigridh an cuid thàlantan a thoirt ma choinneamh a’ mhòr-shluaigh agus a thuilleadh air a-sin tha e a’ snìomh a-steach cuideachd le curraicealam sàr-mhaitheis nan sgoiltean .

Thuirt Catrìona NicIain, Ceannard Roinn na Gàidhlig sa sgoil “Tha e a’ còrdadh ris a’ chloinn gu mòr a bhith an sàs ann am FilmG agus tha e fìor chuideachail gu bheil luchd-teagasg nam bùithtean-obrach a tha gar cuideachadh cho comasach agus eòlach air a’ ghnìomhachas.”

Ri linn maoineachaidh bho iomadh bhuidheann, nam measg Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, tha Cànan a tha a’ ruith an sgeama-trèanaidh air a bhith an comas tri uidheaman camera às ùr a cheannach a dh’aon-a-ghnothaich airson program trèanaidh FilmG. A bharrachd air a seo chaidh còig bhidiothan trèanaidh a chruthachadh gu sònraichte airson a’ phròiseact.

A-rèir Dr Alasdair Allan MSP “Tha FilmG air a bhith air leth soirbheachail bho thòisich e ann an 2008 agus tha sinn toilichte a bhith toirt a h-uile cuideachadh as urrainn dhan phròiseact. Tha e na thogail cridhe a bhith faicinn a’ chloinn an sàs ann an obair a tha cho tarraingeach tro mheadhan na Gàidhlig.”

Tha Bòrd na Gàidhlig iad fhèin air am misneachadh: “’S e fìor thogail-cridhe a th’ ann dhuinne a’ bhith a’ faicinn mar a tha FilmG a sìor fhàs thairis air nam bliadhnaichean. ’S e cothrom air leth a tha seo do dh’ òigridh agus a-nis do bhuidheann coimhearsnachd agus tha sinne ro thoilichte a bhith sàs sa chùis.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha sinne mar Chomhairle den bheachd gu bheil e mar fhiachaibh oirnne a h-uile taic a thoirt do leithid a phròiseact a tha cho tarraingeach do chloinn agus a tha gam brosnachadh ann a bhith a’ cleachdadh na sgilean labhairt aca ann an dòigh a tha cho cruthachail. Tha seo air a thoirt am bàrr ann am Plana Canain na Comhairle agus ’s e fìor dheagh eisimpleir a th’ ann am FilmG air mar as urrainnear  seo a chuir an gnìomh le òigridh. Tha sinne a’ guidhe gach soirbheachas do FilmG agus a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn na filmichean a thèid a dhèanamh le cuideachadh bhon sgioba fhileanta chruthachail aig FilmG”. 

Tha FilmG a-nis fosgailte do dh’ òigridh agus inbhich a chuireas ri chèile film Gàidhlig eadar trì agus còig mionaidean de dh’fhaid. Thèid an fheadhainn a bhuannaicheas ainmeachadh aig cuirm nan duaisean far am bi mòran de luchd-film agus telebhisean an làthair. Thèid taghadh de na filmichean as fheàrr a shealltainn aig tachartasan fa leth as na seachdainean a tha romhainn. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn FilmG no air duilleag Facebook.