Naidheachdan

FARPAIS BHIDEO CIÙIL GA CHUIR AIR BHOG AIG FÈIS LOOPALLU

 

 

Aig an deireadh sheachdain a chaidh thàinig sgioba FilmG gu Fèis Loopallu ann an Ulapul airson am farpais bhideo ciùil aca a chuir air bhog agus filmichean a shealltainn bho na còig bliadhna a chaidh bho thòisich an fharpais.

Còmhla riutha bha Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain a choisinn cliù dha fhèin ann an roinn no dhà ann am farpais FilmG na bliadhna ’n uiridh. 
Bho thòisich an fharpais an toiseach ann an 2008, tha FilmG, Farpais Filmichean Goirid Gàidhlig aig MG ALBA air a bhith a’ misneachadh agus a’ brosnachadh òigridh agus inbhich gus na tàlantan cruthachail aca a thoirt am follais tro mheadhan na Gàidhlig. Tha am farpais bhideo ciùil ag iarraidh air daoine bhideo ciùil le briathran Gàidhlig a chruthachadh a tha eadar trì agus còig a mhionaidean a dh’fhaid. Faodaidh seo a bhith na òran gu tur ùr no na ath-sgrìobhadh de sheann òran.

Thuirt Dòmhnall Eòghainn a bh’ air an àrd-ùrlar e fhèin aig Loopallu oidhche Haoine: “Tha farpais bhideo ciùil FilmG a toirt cothrom sgoinneil do sgrìobhadairean, luchd-ciùil agus filmeadairean. Tha gun do bhuannaich mise an fharpais an uiridh air a h-uile misneachd a thoirt dhomhsa agus air na sgilean agam mar fhilmeadair a leasachadh.”

Tha Manaidsear Phròiseact FilmG Flòraidh Forrest den bheachd gu bheil cuspair na bliadhna sa “Rùn” air leth inntinneach airson bhideo ciùil, thuirt i: “’S e cuspair gu math cumanta a th’ ann an “Rùn” ann an òrain Gàidhlig. Chan eil agad ach “Rùn” a chuir ann an Google agus gheibh thu iomadh òran a tha a’ cleachdadh an fhacail ann an diofar co-theacsan, ach gu sònraichte ann an òrain gaoil. Tha sinne an dòchas gun gabh daoine an aon chothrom ’s a ghabh Dòmhnall Eòghainn agus gum bi spòrs gu leòr aca a’ cruthachadh film ciùil goirid.”

 

Thadhail Flòraidh fhèin air Loopallu a’ sealltainn cruinneachadh de fhilmichean inntinneach a chaidh a chruthachadh thairis air na bliadhnaichean. A’ bruidhinn bhon fhèis thuirt i: “Tha sinne air a bhith a’ sealltainn fhilmichean Gàidhlig fad an deireadh sheachdain agus tha iad air còrdadh ri daoine gu mòr. Tha na filmichean seo a’ sealltainn an tàlant a thàinig am bàrr tron fharpais agus tha sinn an dòchas gum bi farpais na bliadhna sa a cheart cho soirbheachail.”