Naidheachdan

Farpais Bhideo Ciùil

 

Tha an Fharpais Bhideo Ciùil aig FilmG a’ toirt cothrom do dhaoine a bhith cruthachail is a bhith a’ feuchainn rudan ùra is iad ag obair le fuinn agus òrain!

Tha sinn a’ sireadh bhideothan a tha ag innse sgeulachd an òrain, seach bhideo nach eil ach a’ dèanamh sanasachd air seinneadair no còmhlan, air no bhideothan a tha stèidhichte air pìos-ciùil ùr agus a tha a’ toirt Gàidhlig a-steach ann an dòigh air choireigin.

Faodar an òran agaibh fhèin a chleachdadh, òran traidiseanta air no òran chuideigin eile (fhad ’s a gheibh sibh cead) ach feumaidh Gàidhlig a bhith an lùib am bhideo.

Feumaidh na filmichean air fad a bhith eadar 3 is 5 mionaidean a dh’ fhaid agus ’s e film cruthachail, a th’ air a dheagh stiùireadh agus a bheir dhuinn an t-sealladh as inntinniche air an òrain, a bhuannaicheas an fharpais.