Naidheachdan

DÌDEAG AIR CUSPAIR FILMG 2014 DHAN PRÌOMH MHINISTEAR 'S E A' CUR TAIC A BHARRACHD RIS A' PHRÒISEACT

An-diugh, thadhail Prìomh Mhinistear na h-Alba air sgioba FilmG ann an oifis Cànan san Eilean Sgitheanach gus £25,000 de mhaoineachadh a thoirt seachad airson a' phrògraim thrèanaidh aca. Chaidh FilmG, co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig aig MG ALBA, a chur air bhonn bho chionn 5 bliadhna agus chan fhada gun tèid farpais na bliadhna sa a chur air bhog. Fhuair am Prìomh Mhinistear cothrom air sealltainn air postairean agus cuspair na bliadhna, mus tèid fhoillseachadh a dh'aithghearr. Thuirt e:


“An dèidh còig bliadhna a bha soirbheachail, tha co-fharpais FilmG stèidhichte a-nis mar aon de na dòighean as fheàrr san dùthaich airson filmichean Gàidhlig is tàlant cruthachail a thaisbeanadh agus tha e na thlachd dhomh gun urrainn dha Riaghaltas na h-Alba taic a chur ri na cothroman a-rithist am-bliadhna.”


Bidh Cànan, a tha a' stiùireadh FilmG às leth MGALBA, a' cur air dòigh bùithtean-obrach agus a' sealltainn fhilmichean air feadh na dùthcha dha sgoilearan is inbhich gus cothrom a thoirt dhaibh na filmichean aca fhèin a chruthachadh.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear a' Phròiseict:

“Tha sinn cho toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ris a' phrògram thrèanaidh againn a-rithist am-bliadhna. Tha an t-airgead seo a' toirt dhuinn cothrom farsaingeachd de thrèanadh a thabhann sna sgoiltean agus a-muigh sa choimhearsnachd a bheir misneachd dha daoine filmichean a dhèanamh.”

Bho chaidh a stèidheachadh, tha am pròiseact air adhartas mòr a dhèanamh le suas ri 75 filmichean goirid a' nochdadh san fharpais gach bliadhna. Tha aig na filmichean ri bhith eadar 3 is 5 mionaidean a dh'fhaid agus ann an Gàidhlig, ged nach fheum Gàidhlig a bhith aig an fhilmeadair. 

Chaidh an taic airgid fhoillseachadh fhad 's a bha am Prìomh Mhinistear san Eilean Sgitheanach a' tadhal air Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba.