Naidheachdan

Gary Lewis agus Greg Hemphill am-measg chleasaichean ainmeil a’ toirt nan duaisean seachad aig cuirm dhuaisean nàiseanta filmichean Gàidhlig

Nochd cleasaichean ainmeil ann an Glaschu a-nochd (Dihaoine 14 Màirt) airson duaisean a thoirt seachad aig an t-siathamh cuirm dhuaisean nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig.

Bha MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a’ comharrachadh bliadhna shoirbheachail eile den fharpais FilmG, duaisean iomraiteach filmichean goirid Gàidhlig, a chaidh a chumail aig seann Fruitmarket Ghlaschu. Os cionn cùisean aig a’ chuirm bha Fiona NicChoinnich  bho BhBC ALBA agus Niall Iain Dòmhnallach.

Am measg an fheadhainn a bha toirt dhuaisean seachad bha na cleasaichean ainmeil Greg Hemphill, a chluich Victor sa chomadaidh Still Game agus fear eile a rugadh an Glaschu, Gary Lewis a choisinn cliù dha fhèin sna filmichean Billy Elliott agus Gangs of New York agus programanan T.Bh leithid Silent Witness agus Outlander a tha fhathast ri chraodhladh.

Còmhla riutha a’ toirt seachad dhuaisean bha Cathy (Bhàn) NicDhòmhnaill, Catrìona Shearer a bhios a’ leughadh nan naidheachdan air a’ BhBC, Derek Mac an Tòisich agus Megan McLellan bho ‘Dè-a-nis?’, an stiùiriche Michael Hines, Don Coutts a tha na riochdaire agus na stiùiriche, an còmhlan ainmeil Gàidhlig Mànran agus an Dr Alasdair Allan a thug seachad an duais airson taghadh sluaigh.

Bhrosnaich cuspair farpais na bliadhna-sa ‘Rùn’ mòran bheachdan inntinneach airson filmichean eadar òigridh 12-17 agus inbhich le 76 film gan cur a-steach dhan fharpais uile gu lèir.

Bha na britheamhan buileach toilichte leis an ìre aig an robh filmichean òigridh 12-17 na bliadhna-sa le 46 filmichean gan dèanamh uile gu lèir agus sgoiltean air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt bho Àrd Sgoil Ulapuil, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Àrd Sgoil an Òbain, Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Àrd Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.

Tha an fheadhainn a bha soirbheachail uile air an ainmeachadh gu h-ìosal agus chithear na filmichean air fad an air na duilleagan FilmG Inbhich agus FilmG Òigridh.

Thuirt an cleasaiche Greg Hemphill: “Chòrd an oidhche rium fhèin glan. Bha mi aig cuirm nan duaisean mur tha ann an 2009 nuair a chaidh a chumail ann an Inbhir Nis agus tha e na thoileachadh mòr a bhith faicinn mar a chaidh e bho neart gu neart bhon uair sin. Bu mhath leum meal a naidheachd a chur air a h-uile duine a bha soirbheachail agus tha mi an dòchas gun cleachd iad an cothrom a tha seo airson ceum air adhart a ghabhail dhan ghnìomhachas.”

Thuirt Maggie Choineagan, neach-cathrach MG ALBA: “Tha sinne air ar dòigh gur ann a’ sìor fhàs a tha FilmG bho chaidh a chur air bhonn an toiseach ann an 2009. Chaidh 76 film a chruthachadh airson an fharpais-sa agus tha sinn am bliadhna-sa a-rithist fo iongnadh leis an ìre aig a bheil na filmichean, chan e a-mhàin farpaisich ùr ach feadhainn a th’ air filmichean a chuir a-steach a cheana ’s a tha air piseach mòr a thoirt air an cuid obrach le taic bho dhaoine sa ghnìomhachas ann an luib nam bùithtean-obrach a tha air an libhrigeadh as leth na farpais. A thilleadh air a-sin bha luchd-filmidh ùr gam brosnachadh gus pàirt a ghabhail am bliadhna-sa.

“Tha FilmG a’ toirt brosnachaidh do dhaoine a thaobh sgilean cànain agus gam misneachadh a thaobh gnìomhachas nam meadhanan agus a thilleadh air a-sin, tha e a’ snìomh a-steach cuideachd  don Churriculum airson Sàr Mhaitheis. Tha Riaghaltas na h-Alba air làn thaic a thoirt do dh’obair FilmG agus tha gach fear is tè a tha an luib na h-obrach gu math taingeil airson sin.

“Tha ìre gach film a bhuannaich air a bhith aig sàr ìre agus bu mhath leinn meal a naidheachd a chur aig gach neach a choisinn duais. Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt dhan a h-uile duine a chuir tagradh a-steach agus a h-uile misneachd a thoirt do dhaoine aig a bheil ùidh feuchainn air farpais na h-ath-bhliadhna.”

Tha FilmG air saidhbhreas de thàlant a thoirt am bàrr bho chaidh a stèidheachadh o chionn sia bliadhna agus chaidh ainmeachadh mar an Tachartas Cultarail as Fheàrr ann an 2012 le Duaisean Thachartasan Alba.

A’ cumail ceòl ri luchd-èisteachd air an oidhche bha an còmhlan Èireannach ‘Seo Linn’ a choisinn cliù dhaib’ fhèin an uiridh nuair a chluich iad còmhla ri ‘Colaiste Lurgan’ a’ toirt an dreach fhèin air an òran ainmeil aig Avicci ‘Wake Me Up’.

Duais Taghadh Sluaigh

Dariusz Sipowski, às a' Phòlainn bho dhùthchas agus a' fuireach ann an Glaschu, airson am film aige ‘Bean A' Chotain Ruaidh’                             

Buanaichean 12-17

  • Cluiche as Fheàrr: Alison Nic a Phiocair, Àrd Sgoil an Òbain, a tha a’ cluiche Mòrag ann an ‘Thoir na Aire’
  • Film as Fheàrr:  Àrd Sgoil Ulapuil airson ‘Droch-rùn’
  • Riochdachadh as Fheàrr: Sgoil Lionacleit airson ‘An Tòimhseachan’
  • Duais Cuspair FilmG: Àrd Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Barraigh airson ‘An Càirdeas Carach’
  • Duais Gàidhlig FilmG: Àrd Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Barraigh airson ‘An Càirdeas Carach’
  • Film Ciùil as Fheàrr: Acadamaidh Inbhir Pheofharain airson ‘Ailean Dubh às Lochy
  • Molaidhean Cluiche:
    • Calum Doherty , Àrd Sgoil Greenfaulds ‘An Lioft’
    • Dòmhnall I Mac Amhlaidh à Ath Tharracail airson a phàirt san ann am film Sgoil Shamhraidh Dhràma Fèisean nan Gàidheal, ‘An Co-choisiche’
    • Alison Nic Iain à Sgoil Ghrammar Dhùn Omhainn airson am pàirt aice-se ann an ‘A’ Chailleach Tollaird’
    • Ella Fhriseal, à Acadamaidh Inbhir Pheofharain airson am pàirt aice ann an ‘Ailean Dubh às Lòcahaidh’

Buanaichean Inbheach

  • Film Coimhearsnachd as Fheàrr: Buidheann òigridh, Tàirneanaich &  Iomairt Chomunn na Gàidhlig airson Iar Thuath Leòdhais airson an comadaidh ‘Suirghe leis na Siaraich; Pàirt 2’
  • Film Oileanaich as Fheàrr; Fiona Nic Anndrais, oileanach aig Colaiste Chaisteil Leòdhais ann am Beinn na Faoghla airson ‘Gàidhlig mo Rùn’
  • Dràma as Fheàrr: Paul Moran às an Eaglais Bhreac airson ‘Latha Eile, Saoghal Eile’
  • Bhidio Ciùil as Fheàrr: Phil Todd à Gallaibh, a tha nise fuireach ann an Glaschu airson ‘Còmhla Riut-sa’
  • Cluiche as Fheàrr: Uilleam Moireach à Glaschu airson a phàirt san fhilm ‘Coilleach Peucaig’
  • Duais Cuspair FilmG: Alberto Iondanoy, Laura Shand & Mìcheal McIlroy - uile nan oileanaich aig Colaiste Ealain Dhùn Eideann airson ‘Chaidh mo Bhràthair airson Suiteis’
  • Film Aithriseach as Fheàrr: Dòmhnall Eòghainn Mac Fhionghuin às na Hearadh airson ‘An Sgoil Bheag mu Dheireadh’
  • Molaidhean Sònraichte:
    • Keith Patrick Stringer & Eric Dòmhnallach à Leòdhas airson an dràma ‘Taigh a’ Mhuirt’
    • Cameron Ross à Ellishadar san Eilean Sgitheanach airson am film aithriseach  ‘Dìneasaran air an Eilean Sgitheanach’
    • Karen Nic Choinnich, oileanach à Sabhal Mòr Ostaig airson an drama goirid ‘Seachd Là den Ghaol Og’