Naidheachdan

Ùine gu leòr air fhàgail airson film a dhèanamh!

Tha farpais FilmG na bliadhna sa a’ tighinn gu ceann a dh’aithghearr ’s aig tagraichean ri bhith staigh airson farpais nan inbheach ro 20 Faoilleach. Ach, a-rèir sgioba FilmG, tha ùine gu leòr ann fhathast airson film ghoirid a dhèanamh agus bhiodh sibh di-beathte sin a dhèanamh.

Thuirt Floraidh Forrest, Manaidsear a’ Phròiseict: “tha sinn an dòchas gu bheil a’ mhòr chuid de dhaoine a tha an dùil film a dhèanamh an-dràsta gan crìochnachadh ach ma tha ùidh aig duine sam bith san fharpais tha ùine gu leòr ann fhathast airson film bheag ghoirid a dhèanamh. Uairean ’s e na filmichean as sìmplidh as fheàrr agus as cumhachdaiche. Cha leig daoine a leas ùine gun chiall a chosg air film a dhèanamh. Gu dearbh tha feadhainn de na filmichean as fheàrr a chaidh an dèanamh airson na farpais an dèanamh thairis air deireadh sheachdain!”

Thàinig farpais clann 12-17 gu ceann dìreach ron Nollaig le 45 tagraichean uile gu lèir. Mar as àbhaist chaidh spàirn mhòr a dhèanamh airson na filmichean a chuir ri chèile agus feadhainn mar Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a’ clàradh a-mach as an sgoil air raoin Chùil Lodair. Ach cha robh Àrd sgoil Ardnamurchain fada air dheireadh orra ’s iadsan air eich a thoirt air an seat acasan.

Ach bha gu leòr am bliadhna sa a dh’fheuch air film a dhèanamh leotha fhèin, gun chuideachadh bho sgioba FilmG no an sgoil aca. Nam measg bha Shannon NicDhòmhnaill à Muile a rinn film mun t-àite san deach a togail.

Thuirt ise: “Rinn mi film airson farpais FilmG mar tha leis an sgoil ach cha d’ fhuair mi an cothrom sin a dhèanamh am bliadhna sa, mar sin chuir mi romham gun dèanainn tè leam fhìn. Bhruidhinn mi ri grunn dhaoine às an eilean aig a bheil Gàidhlig agus dh’fhaighnich mi dhaibh dè tha sònraichte dhaibhsan mun eilean. Chòrd e rium glan am film a dhèanamh seach gu bheil ùidh agam anns na meadhanan agus dh’ ionnsaich mi tòrr le bhith ga dhèanamh. Tha an teaghlach agam a-nis air bhoil gus am faic iad e air loidhne.”

Thairis air na seachdainean ri thighinn thèid na filmichean air fad an cuir suas air làrach lìon FilmG ’s gheibh daoine an cothrom  bhòtadh airson am fear as fhèarr leotha. Còmhla ris a-sin bidh na britheamhan a’ coinneachadh a dh’aithghearr airson geàrr liosta a chruthachadh agus thèid an fheadhainn a bhuannaich an ainmeachadh aig Cuirm nan Duaisean ann an Glaschu air 14 Màirt 2014.