Naidheachdan

FILMG A’ TADHAL AIR SRÒN AN T-SÌTHEIN

 

Tha sinn gu bhith ann an Sròn an t-Sìthein air Diciadain 11 Sultain a’ taisbeanadh cuid dheth na filmichean goirid as fheàrr a chaidh an cuir a-steach gu farpais FilmG thar nam bliadhnaichean – feadhainn bho sgoilearan na sgìre nam measg. Bidh biadh is deoch ann,  ceòl bho òigridh an àite agus cothrom ceistean sam bith a th’ agaibh mu bhith a’ dèanamh film airson an fharpais a chur ris an sgioba. Thigibh gar faicinn ann an Àrainn Shuaineirt aig 7.30f – chan eil teagamh nach bi deagh oidhche romhaibh!