Naidheachdan

Sanjeev Kohli agus Ken Stott am measg nan rionnagan sgrìon an làthair airson duaisean nàiseanta filmichean Gàidhlig a thoirt seachad

Nochd rionnagan film is telebhisein ann an Glaschu a-nochd (Dihaoine 27 Màrt) airson duaisean a thoirt seachad aig an t-seachdamh chuirm de Dhuaisean Nàiseanta Filmichean Gàidhlig.

Bha MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a' comharrachadh co-fharpais shoirbheachail eile de FilmG, duaisean cliùiteach tàlant filmichean na Gàidhlig, a chaidh a cumail aig The Old Fruitmarket, Glaschu is a chaidh lìbhrigeadh le Fiona NicCoinnich a tha na preasantair air BBC ALBA agus Niall Iain Dòmhnallach a tha na neach-craolaidh telebhisein is rèidio.

Am measg preasantairean eile na cuirme bha an cleasaiche is comaig Albannach, Sanjeev Kohli, a choisinn cliù mar Navid ann an Still Game. Bha an cleasaiche, Ken Stott an làthair cuideachd, a bha anns na filmichean The Hobbit agus Chronicles of Narnia o chionn ghoirid, ged a dh'aithnicheas a' mhòr-chuid e mar Rebus anns na filmichean stèidhichte air leabhraichean Ian Rankin.

Thug Caitlin NicNèill agus Alana NicAonghais duaisean seachad, an dithis nighean a bha air cùl sgeul iongantach #the dress, air an robh fèill mhòr sna meadhanan-sòisealta sa Ghearran agus a thug air rionnagan a leithid Taylor Swift is Kim Kardashian gabhail pàirt sna deasbadan air-loidhne. Bha FilmG toilichte gun robh a' bhan-Uibhisteach òg, Gemma Steele, a' toirt duais seachad. Bha Gemma ann am prògram aithriseach o chionn ghoirid air BBC ALBA mun obair a rinn i a' cur taigh dhìlleachdan air chois ann an Ceinia.

Thuirt an cleasaiche, Sanjeev Kohli, a tha air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn ghoirid: "Tha an oidhche agam aig cuirm duaisean FilmG air a bhith sgoinneil, gu h-àraid a chionn 's gum b' urrainn dhomh ciall a dhèanamh den bheagan Gàidhlig a dh'ionnsaich mi sna leasanan agam. Tha e mìorbhaileach cuideachd obair nan daoine òga tàlantach seo fhaicinn air an sgrìon mhòr. 'S bochd gum bi mi ann an co-fharpais leotha a-nis oir tha mise a-nis nam dhuine mòr anns na meadhanan Gàidhlig! Meal-an-naidheachd agus gun soirbhich leis a h-uile duine san àm ri teachd – a h-uile duine ach an fheadhainn a bhios nam aghaidh airson na h-ath phàirt mhòr!"

Thuirt an cleasaiche cliùiteach, Ken Stott, a thug an duais seachad airson Film Oileanach As Fheàrr a bhuannaich 'Crìsdean Cunnartach', film èibhinn stèidhichte air 'The Ridge' le Danny MacAsgaill: "Tha mi a' cur seachad mòran ùine san Eilean Sgitheanach far am bi mi a' coinneachadh ri oileanaich an t-Sabhail Mhòir, mar sin dheth bha e na thoileachas dhomh gum b' urrainn dhomh an duais seo airson Film Oileanach As Fheàrr a thoirt seachad do dh'oileanaich na Colaiste. Bha oidhche mhath dha-rìreabh againn agus tha mi a' guidhe gach buaidh do na farpaisich nan dreuchdan san àm ri teachd - tha mi an dòchas anns a' ghnìomhachas chraolaidh."

Bha Alasdair Allan, Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachaidh, Saidheans is Cànanan na h-Alba. Thuirt Mgr. Allan: "A-rithist, tha FilmG na bliadhna sa air farpaisich mhìorbhaileach a thoirt còmhla. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur fàilte air a' chothrom seo a bhith ag obair cuide ri MG ALBA agus tha sinn moiteil gu bheil sinn a' cur taic ris na duaisean seo. Tha a h-uile film air na geàrr-liostaichean a' cur ri iomadachd cultar na h-Alba.

"Tha e air toileachas mòr a thoirt dhomh gu h-àraid uiread de dhaoine òga fhaicinn a' dèanamh fhilmichean am-bliadhna, is a' taisbeanadh na Gàidhlig do luchd-amhairc ùr, is iad a' cur taic ri glèidheadh na Gàidhlig ann an Alba."

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard MG ALBA: "Tha FilmG air an àireamh as àirde de dh'fhilmichean fhaighinn am-bliadhna, agus sinn air 79 filmichean fhaighinn ann an co-fharpaisean na h-òigridh is nan inbheach. Tha e a' toirt mòran toileachais dhuinn leudachadh FilmG fhaicinn agus tha na britheamhan air ìre nam filmichean a mholadh a-rithist. 'S e daoine aig a bheil agus cuideachd aig nach eil Gàidhlig a chuir na filmichean seo thugainn agus 's fìor mhath leinn gun urrainn don cho-fharpais a' Ghàidhlig a bhrosnachadh fhad 's as urrainn don a h-uile duine pàirt a ghabhail ann."

"Tha am meas mòr a th' aig daoine air FilmG, agus an tàlant cruthachail ùr a nochdas ann, nan adhbharan misneachd dhuinn, mar a chunnaic sinn nuair a chaidh Latha Eile, Saoghal Eile – fear de dh'fhilmichean an-uiridh – ainmeachadh air geàrr-liosta airson Dràma Goirid As Fheàrr aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2015. Tha sinn cinnteach gun coisinn farpaisich na bliadhna sa an soirbheas ceudna sna gnìomhachasan cruthachail agus tha sinn a' guidhe gach soirbheas dhaibh fhad 's a chuireas iad an cuid sgilean is misneachd a thog iad tro FilmG gu deagh fheum."

Bha Alba Chruthachail, a thug taic seachad don dà dhuais, Dràma As Fheàrr agus Bhideo Ciùil As Fheàrr san Fharpais Fhosgailte, glè thoilichte le ìre nam filmichean. Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigear Ealain is Cultar na Gàidhlig: "Tha sinn a' moladh obair FilmG agus mar a tha iad a' toirt taic is a' leasachadh luchd film òg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e anabarrach math an dà fhilm a ghlèidh fhaicinn air an sgrìon mhòr. Meal-a-naidheachd air na farpaisich a ghlèidh am-bliadhna is a choisinn àite air na geàrr-liostaichean."

Tha FilmG air beairteas tàlant cruthachail a lorg bho chaidh a stèidheachadh o chionn seachd bliadhna, agus chaidh ainmeachadh mar Tachartas Cultarail As Fheàrr aig Duaisean Tachartasan na h-Alba 2012. 'S i co-fharpais na bliadhna sa a' cho-fharpais as soirbheachaile agus sinn air 79 filmichean fhaighinn agus mòran dhiubh sin stèidhichte air cuspair na bliadhna, 'Gealladh'.

Tha na filmichean a shoirbhich am-bliadhna ri fhaicinn air loidhne: FilmG Inbhich and FilmG Òigridh