Naidheachdan

Gealladh gur e 2015 am Bliadhna as Soirbheachail Fhathast son FilmG

Fhuair FilmG, Farpais Nàiseanta nam Filmichean Goirid toiseach tòiseachaidh air leth an-dè nuair a thàinig an cleasaiche ainmeil Daibhidh Walker a Sgoil Ghrammar Dhùn Omhain  airson a’ chiad bhùth-obrach den bhliadhna.

Tha FilmG air meudachadh gu mòr bho thòisich e còrr is seachd bliadhna air ais. Tha e a-nis aithnichte mar am prìomh dhòigh a th’aig filmeadairean òga air a’ chiad cheum a ghabhail a-steach a  shaoghal nam meadhanan ann an Alba agus gach bliadhna thathas ag co-òrdanachadh streath de bhùthan-obrach a tha ruith an cois na farpais.

B’ e sgoilearan à Sgoil Ghrammar Dhùn Omhain a ghabh a’ chiad chothrom air bùth-obrach agus ‘s e an cleasaiche Daibhidh Walker, a tha san dràma ùr Bannan a thèid a shealltainn son a’ chiad uair a-nochd air BBC ALBA, a sheall dhaibh mar a bu chòir planadh airson film ghoirid agus sgriobt a sgrìobhadh.

Thuirt esan: “Tha e na thoileachas mòr dhomhsa a bhith an sàs ann an leithid de phròiseact agus dhan cuideachadh a bhith toirt am beachdan gu buil. Tha e gu sònraichte tlachdmhor a bhith misneachd clann sgoile gu bhith a’ smaoineachadh air dreuchd anns na meadhanan ge b’ e air cùlaibh no air beulaibh camera.”

Chan e càil às annas a th’ ann do sgoilearan Dhùn Omhain a bhith a’ cur film ghoirid ri chèile. Bha iad gu math soirbheachail an-uiridh le FilmG nuair a rinn iad dà fhilm dhan fharpais. Fhuair iad air a’ gheàrr-liosta airson Bhideo Ciùil as Fheàrr agus chaidh aithneachadh a thoirt do Alison Johnson mar chleasaiche air leth.

Tha an tidsear Gàidhlig aig Sgoil Ghrammar Dhùn Omhain, Laura Howitt, air bhoil gus am faigh iad air tòiseachadh leis an fharpais. Thuirt ise: “Tha sinne a’ meas FilmG mar chothrom air leth dhan chloinn agus tha e sònraichte math gu bheil leithid Dhaibhidh againn a thig dhan sgoil airson ar cuideachadh. Chan e a-mhàin gu bheil FilmG a’ toirt an cothrom do chlann barrachd ionnsachadh mu mar a nì iad filmichean mhath tha e fìor chudromach ann a bhith toirt cothrom dhaibh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh nàdarrach taobh a-muigh crìochan a’ chlas. Tha seo air leth cudromach ann an àitean far nach eil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu làitheil mar a th’ againn an seo.”

‘S e “Gealladh” cuspair farpais na bliadhna-sa agus thathas an dòchas gum piobraich seo beachdan inntinneach gu leòr a-measg sean is òg agus gum bi e mar mheadhan air tàlantan cruthachail agus labhairteach a thoirt air adhart agus mu choinneamh a’ mhòr-shluaigh.

Tha Muireall Urchadan Manaidsear Trèanaidh FilmG air a dòigh gu bheil na bùthan-obrach air tòiseachadh, thuirt i: “Thairis air na mìosan ri thighinn tadhlaidh ar n-oidean air còrr math is fichead àrd-sgoil air feadh na dùthcha agus tha mi dhan làn bheachd gun cuidich iad na sgoilearan ann a bhith cruthachadh filmichean air leth. Tha sinne a’ faicinn bliadhna air a’ bhliadhna mar a tha òigridh a’ greimeachadh air teicneòlas ùr agus tha boil oirnn gus am faic sinn dè nì iad leis a’ chuspair seo.”

Tha FilmG a-nis fosgailte do dh’ òigridh agus inbhich fa leth agus thathas ag iarraidh filmichean eadar trì agus còig a mhionaidean de dh’ fhaid a chruthachadh. Tha an fharpais a’ tighinn gu crìch le fèis nan duaisean far am faicear rionnagan gu leòr bho shaoghal film agus TBh. Thèid taghadh de na filmichean as fheàrr an sealltainn aig grunn thachartasan eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha thairis air na mìosan ri thighinn. Airson tuilleadh fiosrachaidh theirig gu làrach-lìn FilmG no an duilleag Facebook FilmG Alba.