Naidheachdan

GEÀRR-LIOSTA 2015 AIR FHOILLSEACHADH!

Tha sinn uabhasach toilichte geàrr-liosta na bliadhna fhoillseachadh airson an dà chuid Roinn na h-Òigridh agus Roinn nan Inbheach, agus luchd-film, buidhnean coimhearsnachd is sgoiltean bho air feadh na dùthcha air a bhith glè shoirbheachail!

Bhrosnaich cuspair na bliadhna, 'Gealladh', caochladh bheachdan is sgeulachdan ùra, rud a rinn obair nam britheamhan air leth doirbh.

Bha luchd-proifeasanta bho BhBC ALBA agus a' ghnìomhachas air pannal nam britheamhan, nam measg an cleasaiche is stiùiriche, Tony Kearney, an neach-aithris telebhisein, Linda NicLeòid agus Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach.

Thuirt Mairead Màiri: "Bha e na thlachd mòr dhomh a bhith nam bhritheamh air filmichean na bliadhna sa agus a' faicinn sreath ùr de luchd-film ealanta a' nochdadh. Tha e uabhasach cudromach is brosnachail airson gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd.”

  

Bha sgoiltean na Gàidhealtachd air an deagh riochdachadh ann an roinn na h-Òigridh agus Port Rìgh, Am Ploc, Malaig, Allt a' Mhuilinn is Àird nam Murchan air a' gheàrr-liosta, cuide ri Àrd-sgoil Loch Abar, a rinn am film, 'An Agallamh' mu dheidhinn sgoilear a tha ri fèin-dhochann, a tha air geàrr-liosta Film as Fheàrr, agus am prìomh chleasaiche, Fearghas Rothach, air geàrr-liosta Cleasaiche as Fheàrr cuideachd.

Bha na h-Eileanan Siar gu math soirbheachail a-rithist agus dà fhilm, 'An Gealladh Meallta' le Àrd-sgoil Bàgh a' Chaisteil agus 'Gealladh Gemma' le Àrd-sgoil MhicNeacail air an taghadh le chèile air geàrr-liosta Film as Fheàrr.

Tha dà fhilm ann le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 'Gealladh a' Phìobaire' is 'Banais ann am Bùrach' agus chaidh film le Acadamaidh Grange ann an Cille Mhearnaig a chur ri Geàrr-liosta Cuspair na Bliadhna is tha a' bhàna-chleasaiche, Helen Frater, air geàrr-liosta Cleasaiche as Fheàrr. Cha b' e sgoilearan a-mhàin a bha an sàs sna filmichean. Bha fìor ulaidhean ri fhaicinn anns an Roinn Fhosgailte…

'S e filmichean às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan as motha a tha a' nochdadh air geàrr-liosta Film Coimhearsnachd as Fheàrr agus tha a dhà dhiubh sin, 'Siuthad a Sheònaid' is ‘Madainn Mhath Breatainn' a' nochdadh air geàrr-liostaichean nan duaisean eile, Bhideo Ciùil as Fheàrr agus Dràma as Fheàrr.

   

Chan eil iad sin nan aonar le bhith nochdadh air iomadh geàrr-liosta. Tha am film 'Briste' le Iain Murchadh MacAmhlaigh à Leòdhas air geàrr-liosta Film as Fheàrr, Cuspair na Bliadhna agus Cleasaiche as Fheàrr airson an dithis chleasaichean, Ellen NicDhòmhnaill is Erica Mhoireasdan. Tha am film 'Sgeulachd a' Bhana Bhlasta' le Iseabail Strachan às an Eilean Sgitheanach air geàrr-liosta Film Aithriseach as Fheàrr agus Cuspair na Bliadhna.

Tha na filmichean air fad a-nise air-loidhne, agus thèid an fheadhainn a ghlèidheas ainmeachadh aig Cuirm nan Duaisean a thèid a cumail aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu air 27 Màrt. Cumaibh cluais ri claisneachd air Twitter is facebook airson fios a bharrachd mu thiocaidean!