Naidheachdan

Sgioba FilmG air a bhith Trang

Tha Eilidh againn fhìn air a bhith trang bho chionn beagan sheachdainnean a' tadhal air colaistean is oilthighean air feadh Alba, ag innse do dh'oileanaich mu FhilmG. Tha oilthighean is colaistean nan àitichean sònraichte math airson tàlant ùr a lorg dha BBC ALBA, am prìomh amas aig FilmG.

  

Tha Eilidh air a bhith bruidhinn ri oileanaich air cùrsaichean dràma, meadhanan, ealain agus Gàidhlig, a' tadhal air Colaistean Pheairt, Inbhir Nis, Abaid a' Bhatail Nuaidh, Glasgow Clyde, Bruach Chluaidh, City of Glasgow, Stow agus Oilthighean ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Obar-Dheathainn.

Tha an àireamh de dh'fhilmichean oileanach a s' fhìor dhol am meud o bhliadhna gu bliadhna, le duais de £1000 airson am film oileanach as fheàrr a' togail ùidh dhaoine. 

   

 

Ged a tha sinn a' brosnachadh dhaoine gun Ghàidhlig pàirt a ghabail agus taic fhaighinn bho ThàlantG, chan eil sin ri ràdh na eil gu leòr dhaoine comasach le Gàidhlig mun cuairt - thachair sinn ri tòrr dhiubh seo aig Mòd Inbhir Nis. Bha e sgoinneil bruidhinn ri seinneadairean, cleasaichean is luchd-ciùil aig an robh ùidh san fharpais an sin, agus tòrr dheugairean a bha uabhasach toilichte cluinntinn mun duais ùr a th' againn am-bliadhna airson am filmeadair òg as fheàrr. Bha daoine air an dòigh glan a' toirt phostairean dhachaigh leotha cuideachd!

Tha sinn an dòchas gum faigh sinn filmichean bho oileanaich air feadh na dùthcha am-bliadhna, agus gum faic sinn òigridh a' cuir na fònaichean-làimhe is eile gu feum airson cothrom fhaighinn air an duais ùr! Ma tha ùidh agaibh agus ag iarraidh iasad de dh'uidheamachd FilmG, no cuideachadh le Gàidhlig nach leig sibh fios thugainn air Facebook, Twitter no .(JavaScript must be enabled to view this email address)