Naidheachdan

DEISEIL AIRSON FILMG A CHUR AIR BHOG

Abair gu bheil sgioba FilmG air a bhith trang ag ullachadh airson farpais na bliadhna-sa a chur air bhog. Cò chreideadh gu bheil am farpais a-nise air a bhith ruith son seachd bliadhna?!

Thèid dealbhan na bliadhna fhoillseachadh an t-seachdainnsa agus bidh cothrom agaibhse a tha air facebook agus twitter tuairmse a ghabhail air cuspair na bliadhna. Tha iPad mini ùr, gleansach ann airson a’ chiad neach a thig thugainn leis am freagairt cheart! Gheibh sibhse a tha air snapchat dìdeag dhiubh beagan air thoiseach air chàich, agus an teansa as fheàrr air an duais. Thoiribh sùil air filmg_alba air Snapchat.

Airson pàirt a ghabhail san fharpais, feumar selfie a thogail (dealbh no bhidio) agus a chur suas ri taobh am freagairt agaibh, a’ cleachdadh #FilmG agus #Gàidhlig.

Gur math a thèid dhuibh – tha sinn a’ coimhead air adhart ris na beachdan agaibh a chluinntinn agus facebook agus Twitter fhaicinn luma-làn de FilmG agus Gàidhlig Diluain!