Naidheachdan

Deagh latha aig an taigh-tasgaidh

Chuir sinn air dòigh bùth-obrach an t-seachdain sa do sgioba Museum & Tasglann nan Eilean a tha air a bhith garbh trang thar nam mìosan a dh’fhalbh. Bha iad airidh air beagan fois is spòrs is mar sin thàinig iad gu FilmG a dh’ fhaighneachd an cuireamaid air dòigh latha a bhiodh feumail agus inntinneach, agus a bhiodh na chuideachadh dhaibh nuair a thigeadh e gu bhith ag obair air filmichean sna coimhearsnachdan aca fhèin.

Thàinig Elly Welch agus Seumas Mac an t-Sagairt bho MacTV a thoirt seachad beagan comhairle air mar a dhèanadh iad film-aithriseach. Sheall iad air filmichean bho bhliadhnaichean a dh’fhalbh agus bheachdaich iad orra sin, ghabh iad an uair sin an cothrom bruidhinn air na beachdan aca fhèin  is mar a dheidheadh aca air an tarraing còmhla airson film goirid a dhèanamh.

  

Chuir iad seachad an fheasgar còmhla ri Alasdair MacIllEathain bhon BhBC, a sheall dhaibh mar a chleachdadh iad camera agus uidheamachd teicnigeach eile.

Thuirt Catriona NicCuthais, a tha na h-Oifigear Leasachaidh aig Museum nan Eilean:

“Chòrd an latha glan rinn, bha Elly, Seumas agus Alasdair cho fiosrach is tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri filmichean a dhèanamh – mòran taing do sgioba FilmG airson a h-uile càil a chur air dòigh.”

Tha sinn a’ guidhe a h-uile soirbheachas do luchd-obrach na taigh-tasgaidh leis na pròiseactan aca agus a’ coimhead air adhart ris na filmichean fhaicinn san Fhaoilleach!