Naidheachdan

A’ DÈANAMH DEISEIL AIRSON FILMG 2015!

Tha sinn toilichte innse gu bheil sinn trang ag ullachadh airson an t-seachdamh bliadhna de dh’Fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig agus a’ coimhead air adhart ri bliadhna soirbheachail eile.

Bha e na adhbhar misneachd dhuinn cho math ’s a bha na filmichean air fad an-uiridh, agus gu dearbha cha robh obair nam britheamhan soirbh le 76 filmichean eadar Roinn an Òigridh agus Roinn nan Inbheach! Chaidh na Duaisean a thoirt seachad aig Cuirm àibheiseach aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu, far an robh rionnagan ainmeil a leithid Greg Hemphill agus Catriona Shearer an-làthair.

Chan eil teagamh nach tug cuspair na bliadhn’-uiridh dhuibh an t-uabhas bheachdan math dha daoine leis an ìre air leth aig an robh na filmichean agus tha sinn air a bhith trang ag ullachadh cuspair agus postairean na bliadhna.  Thèid am foillseachadh le Farpais Chuspair a bhios a’ ruith air na meadhanan sòisealta.

A bruidhinn na meadhanan sòisealta, tha sinn a-nis air Instagram agus Snapchat, a bharrachd air Facebook agus Twitter, leis an t-ainm filmg_alba. Abair gum bi tòrr spòrs againn leis a sin tron bhliadhna!

A bharrachd air a sin tha sinn an-dràsta a’ tabhann na camarathan againn dha buidhnean coimhearsnachd sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith dèanamh film airson Farpais FilmG 2015 mus tèid an fharpais a chur air bhog. Tha daoine gan cleachdadh fad is farsaing, nam measg Urras Ghleann Dail san Eilean Sgitheanach agus an Sgoil Shamhraidh Dhràma aig Fèisean nan Gàidheal. Ma tha ùidh agaibhse iasad fhaighinn dhen uidheamachd againn, cha leigear a leas ach fios a leigeil thugainn aig .(JavaScript must be enabled to view this email address) agus cuiridh sinn rudeigin air dòigh.

     

Oileanaich bhon Sgoil Shamhraidh Dhràma

Leanaibh filmg_alba air Snapchat, Instagram, Facebook agus Twitter airson cumail suas ris na naidheachdan as ùire.