Naidheachdan

Ceann-la Farpais nan Inbheach: 19 Faoilleach 2015

Tha farpais FilmG na h-òigridh a-nis dùinte, ach tha ùine ann fhathast airson inbhich agus buidhnean coimhearsnachd na filmichean aca a dhèanamh.

Dhùin farpais na h-òigridh air 19mh dhen Dùbhlachd agus ged nach tèid na filmichean an dearbhadh gu as-dèidh na bliadhna ùr, tha e coltach gu bheil an àireamh de dh'fhilmichean òigridh air a dhol suas a-rithist am bliadhna. Nam measg tha filmichean mun chogadh mhòr leis gu bheil sinn am-bliadhna a comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich e. Tha na deugairean a' dèiligeadh ri cuspairean a tha a buntainn ri deugairean, mar burraidheachd agus pàrantan a' dealachadh.

Tha mìos a bharrachd aig na h-inbhich airson na filmichean acasan a dhèanamh, agus cuin a b' fheàrr na as dèidh àm na Nollaig nuair a tha cuid de dhaoine air làithean-saora agus beagan a bharrachd ùine aca airson pròiseict sònraichte a thòiseachadh..?