Naidheachdan

An àireamh as motha de dh'fhilmichean gu ruige seo!

Tha sinn air 79 filmichean fhaighinn am bliadhna, 51 ann an Roinn na h-Òigridh agus 28 ann an Roinn nan Inbheach.

  

Mar as àbhaist, fhuair sinn filmichean math ann an roinn na h-òigridh agus bha daoine òga air caochladh chuspairean mar a' Chiad Chogadh a thaghadh ann am filmichean a leithid 'Gealladh an t-Saighdeir' le Àrd-sgoil a' Phluic agus 'Cogadh gun Chiall' le Àrd-sgoil Mhalaig. Tha am film, 'An Agallamh' le Àrd-sgoil Loch Abar' a' dèiligeadh le fèin-dhochann, cuspair dùbhlanach dhà-rìreabh, agus chuir Sgoil Shamhraidh Dhràma romhpa comadaidh fheuchainn anns an fhilm, 'Gaol an t-Samhraidh'.

Bha àrdachadh mòr ann an àireamh nam filmichean san roinn fhosgailte, le buidhnean coimhearsnachd, a leithid 'Siuthad a Sheònaid' le Dannsairean an Eilein Sgitheanaich agus 'Gealladh Dualchais' le Taigh-tasgaidh Gheàrrloch. Chaidh na filmichean sa a dhèanamh as-dèidh bùithtean-obrach a chaidh an cur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba.

Bha fèill mhòr air an fharpais a-rithist am measg oileanach air feadh na dùthcha. Rinn Fiona NicGilleAnndrais, oileanach beò-dhealbhaidh aig Duncan and Jordonstone, am film 'Romansa Sèimh' agus fhuair sinn còig filmichean le oileanaich Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, 'Crìsdean Cunnartach' nam measg, atharrais èibhinn le oileanaich a' chùrsa telebhisein air 'The Ridge' le Danny MacAsgaill, agus film ait romansach air a bheil 'Gealladh gun Choileanadh'.

Thuirt Flòraidh, Manaidsear Phròiseact FilmG: "Tha e na thlachd mòr gu bheil filmichean Gàidhlig na bliadhna ri fhaicinn air-loidhne a-nis. Chaidh mòran oidhirp a dhèanamh a' dealbhadh nan sgeulachdan, gam filmeadh agus gan deasachadh, agus bha spòrs againn fhìn gan coimhead. Tha sinn cinnteach gu bheil sinn air rionnagan ùra nam bliadhnaichean ri teachd fhaicinn a' deàlradh sna filmichean seo!"  

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, a tha a' stiùireadh a' phròiseict às leth MG ALBA, mu cho-fharpais na bliadhna, "'S ann a tha FilmG a' sìor-dhol am feabhas a h-uile bliadhna agus tha e uabhasach math an uiread seo a dh'fhilmichean fhaicinn san t-seachdamh bliadhna den cho-fharpais. Bidh am pròiseact a' toirt misneachd dha daoine òga gu h-àraid le sgilean cànain is na meadhanan, ach tha e na mheadhan cuideachd air iomadh beachd inntinneach is cruthachail a thoirt am follais."

Chithear a h-uile film an seo, agus faodaidh tu bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu 20 Màrt, an t-seachdain ron chuirm mhòr ann an Glaschu!